Deasbaireachd:Bàgar
Coltas
Iomraidhean
[deasaich an tùs]Thug mi a-mach an t-iomradh AÀA oir bha e ceàrr - tha AÀA a' cleachdadh Bàgar is chan e Bàgair (faic an-seo). Tha na tùsan air an stòr-dàta AÀA ag ràdh Bàgair ged-ta, 's mar sin cuiridh mi ceist orra carson a tha e eadar-dhealaichte.
A thaobh an leabhar Myatt - chan eil fhios gu bheil a leithid ann. Chan fhaigh mi lorg air ann an leabharlann. Ri rannsachadh fhathast --Susan.nls (an deasbaireachd) 15:28, 26 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Taing airson sùil gheur a chur air na h-iomraidhean. Chuir mi tùsan ris an aiste airson an dà chuid, Bàgar agus Bàgair. Ged-tà, ghluais mi an aiste gu Bàgar (a rèir AÀA mar a tha e an-dràsda) leis an dòchas gun robh sin ceart gu leòr. Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach, carson a tha an t-ainm aig AÀA eadar-dhealaichte bho na tùsan eile. --Sionnach (an deasbaireachd) 18:35, 26 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- A Susan chòir, thug mi sùil a-rithist air na comharran-clèithe:
- Le ND234630 gheibh mi http://www.gaelicplacenames.org/maps/map.html?g=ND234630
- le ND2360 gheibh mi àite eile seach Bàgar https://www.bing.com/maps/?mkt=en-gb&v=2&cp=58.525876~-3.31525&lvl=14&sp=Point.58.525876_-3.31525_B%C3%A0gar&sty=s
- Mar sin dh'atharraich mi sin air ais gu ND234630 leis an dòchas gu bheil sin ceart gu leòr dhut.
- Ged-tà, chan eil mi cinnteach mun Chòd-puist, lorg mi KW12 aig AÀA. Càite an do lorg thu KW1? --Sionnach (an deasbaireachd) 19:33, 27 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Ha! Is mise a' feuchainn ri bhith cho cùramach mun iomraidhean! Leasan eile ann a bhith leantainn Wikipedia na Beurla gu mearachdach...
- Comharran: bho en:Wikipedia a fhuair mi iad. Chì mi gu bheil dà cheangal GeoHack on duilleag ud - Bho 'Coordinates' tha am fear ceart(ma leanas tu an ceangal 'Google Maps') agus bho OS grid reference tha am fear ceàrr. Tha e na bhùrach agus chan eil e idir soilleir dhomh. Cuiridh mi fios dhaibh air GeoHack co-dhiù.
- OS: bho en:Wikipedia cuideachd!
- Còd-phuist: Lorg mi aig gnìomhachas e an toiseach. Agus an uair sin aig Postcodes-uk.com. Tha e coltach on làrach ud gu bheil KW12 an ath-dhoras ach chan eil e a' gabhail a-staigh Bàgar. (Faic am mapa seo cuideachd.
- An t-ainm: Bàgar - fhuair mi freagairt bho AÀA gun tèid an stòr-dàta ùrachadh an ceann greis agus tha e coltach gun atharraich Bàgar an uairsin ('s dòcha gu Bàghar). Feumaidh sinn sùil a chumail a-mach. --Susan.nls (an deasbaireachd) 20:55, 27 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Ha! Is mise a' feuchainn ri bhith cho cùramach mun iomraidhean! Leasan eile ann a bhith leantainn Wikipedia na Beurla gu mearachdach...
- A Susan chòir, thachair sin dhomhsa cuideachd. Mar sin tha mi daonnan ag ràdh: Na creid a h-uile rud a tha sgrìobhte ann an Wikipedia! :-):-) Ach tha na ceanglaichean eile agad glè fheumail!--Sionnach (an deasbaireachd) 21:31, 27 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- PS: KW1 - tha thu ceart!