Deasbaireachd:Seann-Ghàidhlig
Coltas
(Air ath-sheòladh o Deasbaireachd:An t-Seann-Ghàidhlig)
Gluais gu > An t-Seann-Ghàidhlig
[deasaich an tùs]Tha mi a' moladh gun gluais sinn an duilleag gu An t-Seann-Ghàidhlig no Seann-Ghàidhlig. Tha dà adhbhar ann: tha 'Gàidhlig' boireann is mar sin 's e an t- a th' ann aig an toiseach. 'S dòcha gur e tiotal nas fhèarr a th' ann gun allt, ach co-dhiù tha e ceàrr mar a tha e.
Tha tathan (-) a' ciallachadh gu bheil diofar ann eadar
- Seann Ghàidhlig = Gàidhlig a tha aosda ann an dòigh air choireigin
- Seann-Ghàidhlig = an t-ainm sònraichte air an t-seòrsa Ghàidhlig a bh' ann ron 13mh linn.
Ach 's dòcha gu bheil e soilleir gu leòr s mòr no beag?
'S e Seann-Ghàidhlig a th' anns an fhaclair LearnGaelic agus Am Faclair Beag. Susan.nls (an deasbaireachd) 17:45, 18 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Tha mi a' dol le Susan, tha ainm na h-aiste cearr air sgàth nan adhbharan a mhinich Susan gu soilleir. B' fheàrr leam fhìn an t-ainm gun allt, "Seann-Ghàidhlig", mar a tha e anns na faclairean, agus air sgàth 's gu bheil na h-aistean eile leithid Gàidhlig, Spàinntis amsaa gun allt cuideachd.--Sionnach (an deasbaireachd) 21:37, 18 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Dèanta.--Sionnach (an deasbaireachd) 21:58, 21 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- A Susan.nls, tha mi duilich nach do rinn mi fhìn sin nas tràithe, ach cha b' urrainn duilleagan a ghluasad gus an d'fhuair mi "autoconfirmed status". Dh'ùraich mise am bogsa-fiosrachaidh a mhàin. Sìth-fheur (an deasbaireachd) 03:19, 23 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Duilich, ach chan eil sin fìor. Ghluais thu fhèin an duilleag air ais gun deasbaid an seo. Tha e cumanta anns an Uici seo na h-aistean mu na cànanan a chur fo ainm gun allt. Bu chòir dhut mìneachadh roimhe sin an seo carson a tha thu dhen bheachd gum bi e 'ceart' an t-allt a chur ann san t-suidheachadh seo. --Sionnach (an deasbaireachd) 19:55, 23 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Tuigidh mi gun robh Sìth-fheur 's dòcha a' ciallachadh nach b' urrainn dha/dhi freagairt air a' chiad teachdaireachd a dh'fhàg mi an seo air 18 Gearran far an do dh'iarr mi air/oirre an duilleag a ghluaiseadh - agus mus tàinig a' cheist orm mun allt a sgrìobh mi air an duilleag seo.
A Shìth-fheur, a bheil e ceart gu leòr dhut gun gluais sinn an duilleag gu 'Seann-Ghàidhlig'? - tha seo a rèir modhan an Uici leithid Seann-Lochlannais agus Gàidhlig nach eil an "the" anns an tiotal. --Susan.nls (an deasbaireachd) 21:09, 23 dhen Ghearran 2017 (UTC)- Tha sin ceart gu leòr. Chì mi gun robh "Gluais gu > An t-Seann-Ghàidhlig" na thiotal ach bidh mi a' gluasad a-rithist mur eil na ainm as fheàrr. Sìth-fheur (an deasbaireachd) 03:50, 24 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Tapadh leat, Sìth-fheur. Tha mi duilich gun do dh'fhàs sin troimh-cèile. Sin an t-adhbhar gu bheil e math gun sgrìobh sinn do chàch a chèile air na duilleagan deasbaireachd. Na bi diùid sgrìobhadh thugam ma a tha ceistean sam bith agad leis an obair a tha thu ris an seo. --Susan.nls (an deasbaireachd) 15:16, 24 dhen Ghearran 2017 (UTC)
- Tha sin ceart gu leòr. Chì mi gun robh "Gluais gu > An t-Seann-Ghàidhlig" na thiotal ach bidh mi a' gluasad a-rithist mur eil na ainm as fheàrr. Sìth-fheur (an deasbaireachd) 03:50, 24 dhen Ghearran 2017 (UTC)