Deasbaireachd:An t-Ògmhios

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Leth-breac bhon duilleag: Wikipedia:Talla a' Bhaile#An_t-Og-mhios

Nach bu chòir dhuinn an duilleag seo (agus 1 an t-Og-mhios, 2 an t-Og-mhios msaa) a ghluasad? Lorg mi:

  • An t-Òg Mhios: Roy Wentworth (a ".doc" file, I forgot where I downloaded it from)
  • An t-Og-Mhios: SMO [1]
  • An t-Òg-mhios: Mark Colin (an clò - Appendix 10), Akerbeltz [2]
  • An t-Òg-mhìos: Dwelly [3], Taic [4]
  • An t-Ogmhios: Angus Watson (an clò)
  • An t-Ògmhios: Mark Colin (an clò - "main space"), Akerbeltz [5], GOC pp 15 & 29
  • An t-Ògmhìos: SMO [6].

Mar sin, nach bu chòir dhuinn an GOC a leantainn (leis na litreachaidhean eile mar redirects), on a tha e coltach gur e an litricheadh as trice cuideachd? --Duncan 12:59, 14 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Deagh bheachd. Ach cò am fear a ghabhas sinn? Bhithinn fhèin airson An t-Ògmhios no An t-Ògmhìos.--Each-uisge 13:28, 14 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
Bidh sin ceart gu leòr dòmh. 'S fheàrr leam fhìn An t-Ògmhios, 's e sin an litreachadh as cumanta, agus tha e a' leantainn GOC cuideachd. --Sionnach 14:58, 14 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
Glè mhath. Gluaisidh mi fhìn na duilleagan an ath deireadh seachdain gu An t-Ògmhios, 1 an t-Ògmhios msaa (agus cruthaichidh mi na redirects eile agus redirects gun alt cinnteach airson a' mhìos fhèin cuideachd), mura atharrachaidh sinn ar n-inntinn fon àm sin. --Duncan 15:10, 14 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Dèanta. 'S dòcha nach do dhìochuimhnich mi rud sam bith. Chan eil fhios 'am ciamar a dh'atharrachadh sin an dèidh na h-ainmean-sgrìobhte sna còmhraidhean seo - ach cha chreid mi gu bheil sin cudromach. --Duncan 17:05, 19 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Deireadh an leth-bhreac --Sionnach 21:09, 21 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)