Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
Coltas
| Dòmhnall Mac na Ceàrdaich | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Barraigh, 5 dhen Dùbhlachd 1885 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 1932 |
| Foghlam | |
| Cànain | Gàidhlig |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (5 an Dùbhlachd 1885 - 1932) (Beurla: Donald Sinclair).
Rugadh e air 5 Dùbhlachd 1885 ann am Barraigh. Bha e ag obair mar iasgair airson greiseig còmhla ri athair, agus as dèidh sin, chaidh e a Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e dreuchd, agus chuir e seachad iomadh bliadhna ann am Manchester.[1] Bha e a' sgrìobhadh dhealbhan-chluiche cuideachd, mar eisimpleir Dòmhnall nan Trioblaid agus Suirighe Raghnaill Mhaoil.[1] Chaochail e ann an 1932 nuair a bha e fhathast gu math òg.[2]
Ann an 2014, chaidh cruinneachadh de a shaothair fhoillseachadh: nam measg bàrdachd, òrain, dealbhan-clùiche, aistean, sgeulachdan agus eadar-theangachaidhean.[3]
A Bhàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]- Là nan seachd Sìon - dàn fada a chaidh fhoillseachadh ann an iris Guth na Bliadhna eadar 1915 is 1916
- Slighe nan seann Seun
- 'Fàilte do Bharraigh'
Foillseachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Mac-na-Ceardach, Dòmhnall. 1927. 'Dealachadh nan Rathad', ann an Guthan o na Beanntaibh / Voices from the Hills deas. le John MacDonald (Glaschu: An Comunn Gàidhealach), d.17-22.
- Mac na Ceàrdach, Dòmhnall. 2014. D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich (Inbhir Nis: Clàr) ISBN: 978-1-900901-78-9
Sgrìobhaidhean acadaimigeach
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Aonghas. "Forgetting Donald Sinlair 1885-1932: the Passage Between Celtic Revival and Scottish Renaissance." Scottish Language 37: 2018.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 BBC Alba Bliadhna nan Òran: Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
- ↑ Ruaraidh MacThòmais, An Introduction to Gaelic Poetry (Dùn Èideann: Oilthigh Dhùn Èideann, 1989) d. 254.
- ↑ Mac na Ceàrdach, Dòmhnall. (2014) D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich (Inbhir Nis: Clàr)