Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn
Coltas
| Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Alba, 1540 |
| Bàs | 1610 |
| Àite-adhlacaidh | Cille a' Choirill |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | bàrd |
Theirear gur ann do Dhòmhnallaich Ghlinne Comhainn a bhuineadh Dòmhnall mac Fhionnlaigh nan Dàn (c. 1540–c. 1610), ach gun deach e mach air Mac ’ic Iain, agus ann an ‘Òran na Comhachaig’ - dàn fada no sreath dhàintean aig a bheil mòran ri ràdh rinn an-diugh mun àrainneachd, an aon bhàrdachd a dh’fhàg e – tha e glè mheasail air Clann Raghnaill na Ceapaich. Bha e na shealgair ainmeil a chaidh a dh’fhuireach fada bho dhaoine aig Creag Ghuanach faisg air ceann shuas Loch Trèig, agus tha mòran sgeulachdan ann mu dheidhinn.[1]