Dòmhnall MacEacharn
Coltas
Rugadh Dòmhnall MacEacharn ann an Gleann Gharrasdail, Diùraigh, ann an 1836. Rinn e imrich a Ghlaschu, far an d' fhuair e obair ann am malairt. Às dèidh greiseig, chaidh e a Dhùn Èideann, far an do chosg e a' mhòr-chuid de a bheatha. Dh'fhoghlaim e e fhèin, agus bhiodh e ann am buidheann a choinneachadh gu tric san taigh a bh' aig an Ollamh Dòmhnall MacFhionghain, còmhla ri daoine eile a leithid Alasdair Gilleasbaig MacGilleMhìcheil agus an Siorram MacNeacail.
Sgrìobh e aistean sa Ghàidhlig, air cuspairean cho farsaing ri creideamh, feallsanachd agus litreachas. Chaidh a bhàrdachd fhoillseachadh ann an irisean bho 1875 air adhart, fon ainm 'Am Bàrd Luideagach'.
Chaochail e ann an 1908.