Dòirneag-neirt

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Paidhir dhòirneagan-neirt le pleitean 2kg as urrainnear gleusadh suas no sìos.

Is e an dòirneag-neirt, a tha na seòrsa de chudrom saor, ball-acainn a thathar a' cleachdadh gus fèithean na bodhaig a neartachadh. Gabhaidh a cleachdadh leatha fhèin no le tè eile, aonan anns gach làimh.

Dòirneagan-neirt (halteres) o lùth-chleasan na Seann-Ghrèige, Museum an Arc-eòlais Nàiseanta, san Àithne.
Mosàig Ròmanach mu 286–305 AD sa bheil boireannaich ag altachadh le dòirneagan-neirt.

Bhite a' cleachdadh gnè de dhòirneag-neirt roimhe, ris an cante "halteres", anns an t-seann Ghrèig mar chudroman togail [1] [2] agus cuideachd mar chudroman ann an seann lùth-chleas Grèigeach dom buin leum fada an latha an-diugh. [3] Bhathar a' cur feum air seòrsa dòirneig anns na h-Innseachan cuideachd fad còrr is mìle bliadhna air chruth cuaille - mar sin thugadh an t-ainm cuaille Innseanach oirre. [4] Faodar dreach dealbhaidh an "Nal", mar a theireadh ris an acainn sin, a mheasadh letheach eadar a bhith na chrann-neirt agus na dhòirneag-neirt. Bhite a' cur paidhir dhiubh gu feum ann an altachadh a' chuirp am measg ghleacadairean, luchd nam fèithean mòra, luchd-spòrs, agus càch a bha a' miannachadh barrachd neirt is meud a bhith aca.

  1. Gardiner, Norman E. (2002): Athletics in the Ancient World. Courier Corporation, td. 153. ISBN 978-0-486-42486-6. 
  2. Pearl, Bill (2005): Getting Stronger: Weight Training for Sports.. Shelter Publications, Inc., td. 388. ISBN 978-0-936070-38-4. 
  3. Miller, Stephen Gaylord (2004): Ancient Greek Athletics. Yale University Press, td. 64. ISBN 978-0-300-11529-1. “halteres halter” 
  4. Heffernan, Conor: “INDIAN CLUB SWINGING IN NINETEENTH AND TWENTIETH-CENTURY INDIA AND ENGLAND”.