Cumhachd na Gaoithe

O Uicipeid
Roscoe Wind Farm in West Texas

Tha sgioblachadh dith air an aiste seo, a tha stèidhichte air pàipear sgrìobhta an 2001. Tha sgioblachadh air leth dith air cló-sgriobhadh nan co-ionnanaich

Tharruinnear cumhachd- sruth neirt - as an gluasad adhair ris an canar "a' ghaoithe" le nos innil don ainm muileann gaoithe.

  • Tha e soilleir gu bheil cumhachd anns a’ ghaoithe.
  • Is e obair innleadair, an meud de cumhachd a tha so-tarruinnte as a' gaoith aig ionad araid agus a' dhearbh gum bi (no mur a bi) cuise eaconomachd airson sgeama a dheanamh feum air neart na gaoithe aig an ionad sin.

Mineachadh Sònraichte air Briatharachas Innleadaireachd[deasaich | deasaich an tùs]

Mus an measaich sinn co mheud cumhachd a tha so-buannaichte as na gaoithe, feumaidh sinn a' toirt minicheadh teicneolachd ri facal neo dha. Anns an aiste seo:

  • Tha corp na cnap stutha
  • Theirear lionn ri stuth le comas a sruth.
  • Tha tomad de corp na thomhas de ‘n fhalamhantas a lionadh e.
  • Tha luths an comas obair a dhèanamh.

Obair[deasaich | deasaich an tùs]

Faic obair (fiosaigs)

Dèanar obair ‘nuair a bhios forsa (F) a’ gluasad rudeigin air adhart. Tha meud an obair (W) a rèir meud an fhorsa (F) agus a rèir fad a’ ghluasaid (s).

W = Fs

Lùths cineatagach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha lùths cineatagach aig corp a tha na gluasad.

Tha uimhir luths cineteachd aig corp a reir meall ( meud stugh ) agus luaths a’ chuirp. Anns an co-ionnanas a leanas tha “m” na sheasamh airson meall , “L” airson luths , “v” ( bho’n seann ghreicis “bhelos” a’ ciallachadh luath) airson luaths, Mar sin,

L = mv²


Chan eil e doirbh a fhaicinn gu bheil an dearbh seòrsa lùths aig lionn, mar eisimpleir uisge, a tha na sruthadh tro pìob.

Fidrig uisge , agus an t-uisge na sruthadh tro pìob aig luaths (a’ dèanamh astar) de v meterean gach diog (m/s). Ré diog, siubhalaidh gach mir uisge v meterean. Far a bheil thar-farsuinneachd na pìoba co ionnan ri “A” tha tomad an uisge a tha a’ sruthadh tro fainne-pìoba “a” gach diog a réir an co-ionnanas

Tomad Uisge a’ Sruthadh Tro Pìob


Tomad = V x A

Their dlùthas ( riochdaichte le ρ ) ris am feart de stuth a tha co-ionnan ri cuideam de aonad tomad

Dlùthas = Cuideam(kg) /Tomad (m³)
ρ = kg/m3

Mar sin bithidh

Cuideam (kg) = ρ x m³ = ρ x V x A

a’ sruthadh tro ‘n fainne aig “a” gach diog.

O chionn ‘s gu bheil an tomad seo a’ siubhal aig luaths V

Mar a ceudna, tha neart de ‘n tomad na sruthadh seachad air “a” gach diog,

N = m V²

ach: m = ρ V A

mar sin: N = ρ A V3

Freagaraidh an Co-ionnanas seo ri muillean gaoithe, o chionn ‘s gu bheil Raon-Sguabta an Rothadair cosmhuil ri Raon “fàinne” a’ phìob.

Tha an Raon-Sguabta (RS) = (π x T2)/4


Far a bheil T= Tarsuinnead de’n Rothadair agus π = 3.142 (neo 22/7, cunbhalach a tha co-ionnan ri cuairt-lin chearcail air a roinneadh le tharsuinnead ,

Riochd Tomhais de Dealaadtair Gaoithe, sealladh ‘on bheulaibh


Tha an dealbhag os cionn a nochdadh na priomh tomhaisean de Dealanadair Gaoithe le mul co-àrdach, ‘s Chithear bhon dealbhag gu bheil àird tuir co-ionnan ri Tarsuinnead an Rothadair. Cruthaidh muilleann gaoithe de tarsuinnead 66m, suas ri 1.75 MW. Tha seo an cumhachd sònraichte dha, chruth e seo nuair a bhitheas a’ ghaoithe air èirigh gu 16m/diog. Aig luaths na gaoithe seo ( mu 33mile/uair), bithidh an rothadairean a tionndadh aig 21.3 car/mionaid. Tha AMEC Wind a’ moladh muillean de’n mheud seo airson a choille neirt aig an Aodann Bhàn.

Ball Sampaill: Dearbhadh de Neart na Gaoithe a sruthadh tro Muillean Gaoithe

Leig le

T = Tarsuinn Rothadair = 67m v= Luaths gaoithe = 16m/s r= dlùths aille = 1.25 kg/m³


Raon Sguabta = pT2= 3526 m2 4

Ach, mar a dhearbhadh os cionn

Neart sruthadh tro fàinne phìob (neo tro rothadair muilne gaoithe ) = r x Raon x v

= 1.25 kg/m³ x 3526 m² x (16 m/s)³

= 18 000 000 kg m² s⁻³ ( = kg x m/s/s x m/s= obair/s= Cumhachd (Wattan))

= 18 MW

Tha seo torr nas motha na an cumhachd sònraichte do gach muilleann (1.75 MW) Ach,

  • Cha dèanar muileann a bhuannachas nas motha na 49% den neart a tha sruthadh troimhpe.
  • Chaillear tuilleadh cumhachd anns an uidheam ginealachd.

Mar sin: Faodaidh do gach muilleann a’ leasachadh

18 x 0.49 MW aig a’ phrìomh feàrsaid = 8.8 MW

O chionn 's nach eil dùil air gach muileann a libhrigeadh ach 1.75 MW

Tha riochd eifigeas de inneal sam bith = (Cumhachd a mach)/(Cumhachd a steach)

Mar sin chan eil eifeagas an uidheam iompachaidh (beart iomain, dealanadair, uidheam iompachaidh) eadar feàrsaid an rothadair agus an ceangail ris a’ bhranndair nàiseanta, ach

1.75 MW/ 8.8 MW = 0.2 neo 20%

Tha seo iosail an co-mheas le acuinn dealandaireachd a ruith air stoth. Mar eisimpleir, bha an ionad cumhachd aig Fiddlers Ferry an Sasainn aig iompachadh neart gual ri neart dealain le eifigeas eadar 33% agus 35 % ‘nuair a thadhal mi air ann an 1978.


Rian a-mhàin[deasaich | deasaich an tùs]

Sònraichear loidhne dìreach sam bith le fad an loidhne agus rian an loidhne.

Tomhaisear loidhne dìreach le fad an loidhne eadar a dha cheann .


DEALBHAG: Loidhne bho a-b. Tomhaisear an loidhne le Fad a Mhain


Chan eil leud neo domhainnead dha, mar sin chan eil ach aon rian ga thomhais. Theirear FAD ris.


Is e an meatair (m) a tha na h-aonad tomhais do Fad.

Dà Rian[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà rian sònraichte ri cumadh.

Theirear LEUD (L) ris an darna rian. Tha FARSUINNEAD feart do gach rud dà rianta.

(Tha) FARSUINNEAD = FAD x LEUD


DEALBHAG: Cumadh, Raon= F x L

Tha e soilleir nach dèan sìneadh neo gearradh air ais air an leud “L”, difir sam bith ri fad a’ bhùird. Mar sin tha leud neo eisimeileach de fad. Tha farsuinnead co-dhiubh an riochd ri leud agus an riochd ri fad. Mar sin tha farsuinnead eisimeileach ri leud agus ri meud.

Is e an meatair ceàrnag (m2) a tha na h-aonad tomhais do farsuinnead

Trì Rianan[deasaich | deasaich an tùs]

Tomhaisear bocsa air trì rianan: Fad (F), Leud (L) agus Domhainnead (D), an treas rian.

Theirear TOMAD ri meud bocsa.

DEALBHAG: Tomhais Trì Riantachd air Bocsa neo Amar.

(Tha) TOMAD = FAD x LEUD x DOMHAINNEAD.

Tha TOMAD na fheart do gach rud trì rianta. Mar a cheudna, tha fad, leud agus domhainnead gu leir neo-eisimileach, ach tha Tomad an riochd ri gach te dhiabh fa-leth, fad’s a tha na feadhainn eile gleidhichte cunbhalach. Is e an meatar dabhaich ( m3 = m.m.m) a tha na h-aonad tomhais air tomad.

Tuilleadh leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Gearr-Phaipear Sgriobhta le P. E. Ó Donnghaile an 2001, nuair a-nochd na chiad molaidhean a thogail tuathanasan-gaoithe an Gaidhealtachd na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]