Cruit-rotha

O Uicipeid
Duine a' cluich air cruit-rotha

'S e inneal-ciùil teudach a th' ann an cruit-rotha, a tha coltach ri fìdheall aig a bheil cuibhle a bhios a' suathadh nan teud, pàirt dhiubh gu cunbhalach, agus feadhainn eile dìreach nuair a bhios an cluicheadair a' brùthadh nam putan airson port a chluich. Mar sin nì e fuaim coltach ri ceòl na pìoba.

Chaidh an ionnsramaid-ciùil seo a cruthachadh sna meadhan-aoisean anns an Roinn-Eòrpa no anns an Ear Mheadhanach, ach dh'fhàs i fèillmhor gu h-àraid aig àm an Ath-bheòthachaidh. Tha e fhathast cumanta ann an ceòl traidiseanta Ogsatanach, Catalanach, Frangach is Sàirdaineach, agus gabhaidh e pàirt sna còmhlanan-ciùil traidiseanta ann an Galicia is san Ungair san latha an-diugh.