Jump to content

Corra-ghràin mhòr Aimeireaga

O Uicipeid
Botaurus lentiginosus
Corra-ghràin mhòr Aimeireaga
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Ciconiiformes
Teaghlach Ardeidae
Gèineas Botaurus
Spèiseas B. lentiginosus
Ainm saidheansail
Botaurus lentiginosus (Rackett, 1813)
Ainmean eile
Palaeophoyx columbiana (McCoy, 1963)
Briathran Gàidhlig eile
Corra-ghràin mhòr Aimeireaga

'S e eun grunnachaidh a th' anns a' chorra-ghràin mhòr Aimeireaganach (Botaurus lentiginosus) a bhuineas do theaghlach a' chorra-ghritheach Ardeidae.

Coltas is giùlan

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e seo aon de na h-eunlaith as eireachdail a tha ri fhaicinn. Tha e ro-gharg nuair a bhios e leòinte, agus 's ann air sùilean a bheir e ionnsaigh mu thig nì beò sam bith faisg air, agus e air a leòn.

Tha an t-eun seo ri fhaicinn mu chuid de chladaichean Aimeireaga.

Modh-seilge

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bhios an corra-ghràin mòr ag iasgach ann an doimhneachd uisge, cuiridh e solas a-mach às a bhroilleach cho làidir ri leus mòr. Le seo, thèid aige air pailteas a ghlacadh ann an tiota.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ gun urra (2na dhen Ghearran 1895): “Mu *Chorra Grain Mhor America,” ann an: Mac-Talla. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2026.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: