Jump to content

Comunn Gàidhlig Pheairt

O Uicipeid

'S e buidheann a th' ann an Comunn Gàidhlig Pheairt a bhios a' brosnachadh cainnt, litreachas agus ceòl nan Gàidheal. 'S e a shuaicheantas 'Clann nan Gàidheal an Guaillibh a Chéile'.

Bidh iad a' cumail chèilidhean tron gheamhradh ann am Peairt agus a' cumail taic ri iomairtean is tachartasan Gàidhlig ann am Peairt agus Siorrrachd Pheairt.[1]

Eachdraidh a' Chomuinn

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an Comunn a stèidheachadh ann an 1880.[1]

Chuir an Comunn Mòd ionadail Siorrachd Pheairt air bhonn ann an 1923 agus chaidh Talla a' Bhaile ann an Obar Pheallaidh a chleachdadh.[1] Ann an 1924 agus 1929, chuir an Comunn taic ris a' Mòd Nàiseanta nuair a bha e ann am Peairt.[1]

Ann an 1994, ghluais an Comunn gu St Matthew’s Church Hall air Tay Street, Peairt. Thàinig am Mòd Nàiseanta a-rithist ann an 2004.[1]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Marsaili NicUalraig Fhriseal - rinn i iomadh cuirm-ciùil leis a' Chomunn.[2] As dèidh a bàis, chuir an Comunn sanas suas aig a taigh aig 60/62 High Street, ann am Peairt.
  • Ruairidh MacFhioghain - Ceannard aig Comunn Gàidhlig Pheairt eadar 1950 -1957. Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich eadar 1971-75. Ùghdar ‘Teach Yourself Gaelic’.[2]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Comunn Pheairt: “A Brief History of the Society(Beurla). Air a thogail 2017.05.27.
  2. 2.0 2.1 Comunn Gàidhlig Pheairt: “Notable People(Beurla). Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2017.