Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba
Tha an GTCS (Gàidhlig: Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, Beurla: General Teaching Council for Scotland) na buidheann clàraidh airson luchd-teagaisg na h-Alba.[1] Tha inbhe chathrannais aige agus 's ann air tàillean a phàigheas luchd-teagaig a tha i a' cumail a dol.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an GTC, mar a bha e, a stèidheachadh ann an 1965 fon Achd Chomhairle Theagaisg (Alba) 1965[2] leis gu robh amharas ann bu ìosail riatanasan inntrigidh do luchd-teagaisg ann an sgoiltean na h-Alba an dèidh An Dàrna Cogaidh is daoine gun chead anns an t-siostam. Thathar air a cuid chumhachdan is dleastanasan atharrachadh fad nam bliadhnaichean tro laghan ùra, mar an Achd Teagaisg agus Foghlam Oilthighe (1998) agus an Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba (2000). Feumar gun clàraich a h-uile neach-teagaisg a tha ag obair ann an sgoiltean na stàite ann an Alba leis an GTCS, fo Achd Riaghailtean Riatanasan Inntrigidh do Luchd-teagaisg (Alba) 2005.
An Latha An-diugh
[deasaich | deasaich an tùs]Bidh Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba a' co-obrachadh le tòrr bhuidhnean eile mar Riaghaltas na h-Alba, an SQA agus an EIS.