Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba
'S e iomairt acadaimigeach a th' ann an CENSLA | Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba (Beurla: International Association for the Study of Scottish Literatures, IASSL; Albais: Warldwide Associat for the Clerk Leir o braid Scotland’s Leid and Scrievin). Chaidh CENSLA stèidheachadh aig a' chiad Còmhdhail na Cruinne airson Litreachas na h-Alba ann an Glaschu air 5 den Ògmhios 2014.[1] Tha CENSLA air a chlàradh mar charthannas Albannach, SC044410, airson adhbharan adhartachadh foghlaim, nan ealan, dualchais agus cultair.
Còmhdhailean na Cruinne airson Litreachas na h-Alba
[deasaich | deasaich an tùs]- Oilthigh Ghlaschu, Glaschu, Alba, 2-5 an t-Iuchar 2014[2]
- Oilthigh Simon Fraser, Vancouver, Canada, 21-25 an t-Òg-mhios 2017[2]
- Oilthigh Theàrlaich, Pràg, Poblachd na Seice, 22-26 an t-Òg-mhios 2022[2]
Duais Ronald Jack
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Duais Ronald Jack stèidheachadh ann an 2018, airson aiste no caibideil as fheàrr a tha a' dèiligeadh ri litreachas na h-Alba (Beurla, Albais, Gàidhlig, Laideann) agus eilthireachd, no buaidh eadar-nàiseanta litreachas na h-Alba.[3] B' e àrd-ollamh agus sgoilear cliùiteach a bha ann an Ronald Dyce Sadler Jack (1941-2016), 's e ag obair air litreachas na h-Alba agus litreachas anns na meadhan aoisean aig Oilthigh Dhùn Èideann.[4]
Luchd-fhaighinn Duais Jack[3]
- 2018: Nikki Hessell, Stephen Clothier
- 2019: Céline Sabiron
- 2020: Anna Fancett
- 2021: Bryony Coombs
- 2022: Nigel Leask, Peadar Ó Muircheartaigh
Cathraichean a' Chomainn
[deasaich | deasaich an tùs]- an t-Àrd-Ollamh Murray Pittock, Oilthigh Ghlaschu (2014-2017)[5]
- an t-Àrd-Ollamh Caroline McCracken-Flesher, Oilthigh Wyoming (2017-2020)
- an t-Àrd-Ollamh Carla Sassi, Oilthigh Verona (2020-2023)[6]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “"Fàilte," IASSL”.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 “"Past Events," IASSL”.
- ↑ 3.0 3.1 “"The Jack Medal," IASSL”.
- ↑ “Ronnie Jack, University of Edinburgh”.
- ↑ “"Scottish Literature Has Global Audience," The Scotsman”.
- ↑ “Executive Committee”.