Coinneach Fionnlasdan
Coinneach Fionnlasdan | |
---|---|
Beatha | |
Breith | A' Chomraich, 1910 |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
B' e tidsear agus sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Coinneach Fionnlasdan (1910 - ?) (Beurla: Kenneth Finlayson).
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Coinneach Fionnlasdan air a’ Chomraich ann an Siorrachd Rois ann an 1910.[1] Fhuair e fhoghlam ann an Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus ann an Oilthigh Ghlaschu.[1] Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Glaschu fad iomadh bliadhna.[1] Choisinn e duaisean airson sgeulachdan aig a’ Mhòd, agus chuireadh a-mach corra sgeulachd leis air an réidio.”
Sgrìobhaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a chuid sgeulachdan a mholadh le Dòmhnall Iain MacLeòid a thuirt gun robh iad am measg an fheadhainn as fheàrr a chaidh chraoladh leis a' BhBC air an rèidio.[2] Bha e innleachdach anns an dòigh 's gun robh na sgeulachdan a' gabhail ùidh ann an smaointean nan caractaran.
Ann an 1954, fhuair e dàrna àite airson pìos bàrdachd (air cuspair sam bith) aig a' Mhòd.[3] Aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu ann an 1958, choisinn e an duais airson Sgeul Fada.[4]
Sgeulachdan
[deasaich | deasaich an tùs]- 'An Sgian' 1956. (air craoladh air rèidio BBC)[2]
- 'An Roghainn' 1956. (air craoladh air rèidio BBC 14 Lùnastal 1956)[2]
- Cuideachd air fhoillseachadh: 1970. 'An Roghainn' ann an Dorcha tro Ghlainne, deas. le Dòmhnall Iain MacLeòid (Glaschu: Gairm)
- 'A' Chraobh' 1958.[2]
- ‘Mary Kate’ 1970. ann am Briseadh na Cloiche deas. le MacDhòmhnaill, C. D. (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu), 36-41.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 (1970): “Na h-Ùghdair”, ann an: MacDhòmhnaill, Coinneach D.: Briseadh na Cloiche. Glasgow: Oilthigh Ghlaschu, td. 83.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 MacLeòid, Dòmhnall Iain (1969): Twentieth Century Gaelic literature: a description, comprising critical study and a comprehensive bibliography. PhD thesis. Oilthigh Ghlaschu: gun fhoillseachadh., td. 96-8.
- ↑ Gun Ainm, . (1954): “Mòd Results,” ann an: An Comunn Gàidhealach (Foills.): An Gàidheal, leabhar 49, àir. 11, Inbhir Nis, td. 111. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Gun Ainm, . (Samhain 1958): “Mod Results,” ann an: An Comunn Gàidhealach (Foills.): An Gàidheal, leabhar 52, àir. 11, Inbhir Nis, td. 112. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.