Coimpiutaireachd sa Ghàidhlig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Tha Coimpiutaireachd sa Ghàidhlig a toirt a-steach:

  • Sgrìobhadh sa Ghàidhlig air coimpiutair
    • Bhith comasach air na sràcan a sgrìobhadh air na fuaimreagan: à è ì ò ù, È, é, ...
    • Dearbhadh litreachaidh
    • Na h-ascairean a sgrìobhadh gu ceart ann am facail leithid: ’S
    • Gun téid na tàthanan ‘-’ a làimhseachadh gu ceart aig deireadh nan loidhnichean
      • nach bi h-, t-, n- aʼ crochadh
      • gun nochd tàthanan ann an àitichean iomchaidh airson facal fada a bhriseadh
    • Goireasan leithid co-fhaclair (thesaurus) agus faclairean a bhith faisg air làimh
  • Bhith ag obair tro mheadhan na Gàidhlig air coimpiutair
    • Bathar-bog a tha ag obrachadh tro mheadhan na Gàidhlig
    • Làraichean-lìn eadar-ghnìomhacha a tha ag obrachadh tro mheadhan na Gàidhlig
    • Briathrachas coimpiutaireachd sa Ghàidhlig
    • Brabhsair-lìn a chur air dòigh gus am faigh thu Gàidhlig mar chànan obrach agus Gàidhlig mar phrìomh roghainn sna làraichean-lìn iol-chànanach
  • Stuth Gàidhlig a stòradh ʼs a chomharradh ann an dòigh iomchaidh
    • Còdaichean-cànain eadar-nàiseanta: gd, GLA, 7c
    • Unicode agus còdadh charactar: UTF-8, UTF-16; NFC, NFD
    • Tionndadh stuth bho chòdachaidhean charactar eachdraidheil: ISO-8859-1
  • Goireasan airson na Gàidhlig air an Eadarlìon
    • Faclairean
    • Corpas (DASG)
    • Uicipeid
    • ODP (dmoz), 7c
    • Tobar an Dualchais, 7c
    • Cleasan airson goireasan Beurla a chur gu feum airson na Gàidhlig
      • Cleachdadh Google mar chorpas
      • Google “<cuspair> bheil” gus fiosrachadh a thaobh <cuspair> fhaighinn sa Ghàidhlig
  • Comhairle a thaobh bathar-bog eadar-theangachadh gu Gàidhlig
  • Connaltradh sa Ghàidhlig air an Eadarlìon
    • Liostaichean puist-d leithid Gaidhlig-B
    • Bùird-bhratha leithid Fòram na Gàidhlig
    • Blogaichean
    • Làraichean soisealta (nach marainn) leithid AbairThusa
  • Goireasan eile connaltraidh sa Ghàidhlig
    • Teacsadh ro-innseach air fónaichean-làimhe, 7c
    • Teacs gu labhairt
    • Labhairt gu teacs
  • Dealbhachadh iomchaidh a dhèanamh air làraichean-lìn iol-chànanach
  • Goireasan coimpiutaireachd agus Eadarlìn airson Gàidhlig a ionnsachadh


Sgrìobhadh sa Ghàidhlig air coimpiutair[deasaich | deasaich an tùs]

Sràcan[deasaich | deasaich an tùs]

Bhith comasach air sràc a sgrìobhadh air na fuaimreagan, ʼs e seo aʼ chiad ceum agus an ceum as cudromaiche ann a bhith aʼ sgrìobhadh sa Ghàidhlig air coimpiutair. Oir tha na sràcan cudromach: tha iad ag atharrachadh ciall nam faclan. Agus mur am bi iad ann, cuiridh iad an dearbhadh litreachaidh a dholaidh.

MS-Windows[deasaich | deasaich an tùs]

Ma ʼs e meurchlàr cruaidh na Rìoghachd Aonaichte (UK physical keyboard) a thʼ aig aʼ choimpiutair (fear le !"£ os cionn 123), tha e sìmplidh na sràcan a chur air dòigh le bhith aʼ taghadh aʼ mheurchlàir bhuig (keyboard driver) UK Extended tron Control Panel. An uair sin bidh na sràcan riʼm faighinn gu furasta anns a h-uile prògram air aʼ choimpiutair. Chan eil UK Extended aʼ cur dragh air sgrìobhadh na Beurla; leis a sin tha e sàbhailte meurchlàran sam bith eile, “UK” mar eisimpleir, a sguabadh às mur am bi fios agad fhéin gu bheil thu gan iarraidh. Seachain gu h-àraid am meurchlàr “Gaelic” no “Scottish Gaelic” aig Microsoft, oir chan eil e math idir! Tha duilleag aig SMO le barrachd fiosrachaidh. Tha am meurchlàr “Irish” aig Microsoft glé mhath airson Gàidhig na h-Albann, ach chan eil adhbhar a bhith ga thaghadh a-nise, oir tha an UK Extended aʼ dèanamh a h-uile rud a tha Irish aʼ dèanamh agus barrachd. Thoir an aire: tha e nas fheàrr prògraman eile a dhùnadh mus cuir thu UK Extended an sàs, air neo bith iad fhathast aʼ cleachdadh aʼ mheurchlàir a bhʼagad roimhe.
Tha am meurchlàr Whacking Sandy fiùʼs nas fheàrr na UK Extended. Tha e gu math sìmplidh rʼa chur an sàs, ach feumaidh cead Admin a bhith agad air aʼ choimpiutair. Tha e co-chòrdail ri UK Extended a thaobh sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Albann no Gàidhlig na h-Éireann: chan fhaic thu diofar sam bith. Ach tha e nas fheàrr oir tha e aʼ toirt dhut tòrr a bharrachd: na cromagan turracha “ ” ‘ ’ agus iomadh iomadh rud eile. ʼS e tionndadh a thʼ ann den mheurchlàr Whacking Latin aig John Cowan.
Ma ʼs e meurchlàr cruaidh nan Stàitean Aonaichte (US physical keyboard) a thʼ aig aʼ choimpiutair (fear le !@# os cionn 123), am meurchlàr bog as fheàrr bho Microsoft, ʼs e “US International”. Ach chan eil sin ro mhath idir, oir tha e ag atharrachadh aʼ phutain [ ' ] a tha a dhìth airson ascair a sgrìobhadh ann an Gàidhlig no ann am Beurla. Ma tha cead Admin agad, an rud as fheàrr ʼs e am meurchlàr bog “Moby Latin” aig John Cowan a chur an sàs. Tha Moby Latin an aon rud ri Whacking Latin, ach fhadʼs a tha Whacking Latin airson meurchlàr cruaidh na Rìoghachd Aonaichte, tha Moby Latin airson meurchlàr cruaidh nan Stàitean Aonaichte.
Tha seann dòighean ann, cuideachd: am putan AltGr a chumail sìos fhadʼs a tha thu aʼ taidhpeadh àireamh neònach air an numeric keypad: AltGr+0232 airson è mar eisimpleir. Ach tha na dòighean sin gu math slaodach agus ciotach, agus air leth doirbh air laptop far nach eil numeric keypad ceart ann.

Macintosh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha beagan fiosrachaidh aig SMO.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]