Coimhearsnachd air loidhne
Coltas
'S e làrach-lìn air an dig daoine cruinn còmhla gus deasbaireachd a dhèanamh a th' ann an coimhearsnachd air loidhne. Mar eisimpleir, 's e coimhearsnachd air loidhne a tha ann an Doras na coimhearsnachd againn fhèin. Seo na seòrsaichean dhe choimhearsnachdan a bha am bith aig toiseach 2016:
- Bùird-bhrath, can Fòram na Gàidhlig no Am Bòrd-brath aig Acadamaidh na Gàidhlig sa Gearmailt
- Liostaichean-puist, can GAIDHLIG-A no GAIDHLIG-B.
- Lìonraidhean sòisealta, can AbairThusa, Tweets sa Ghàidhlig air Twitter agus iomadh buidheann air Facebook
- Blogaichean - gheibh thu cruinneachadh dhe fheadhainn sa Ghàidhlig air Tìr nam Blòg agus TogBlog agus aig an iris air loidhne Dàna
- Coimhearsnachdan a chum nithean a chruthachadh ann an saoghal na coimpiutaireachd aig a bheil bathar-bog conaltraidh sònraichte gus sin a chur an cèill, can Wikimedia Commons no Gnome.
Bidh cuidh dhiubh 'gan ruith le Fonndas mar an Uicipeid no le daoine phrìobhaideachd mar Fhòram na Gàidhlig agus cuid eile fo smachd chompanaidhean mòra mar Facebook is Twitter.