Co-labhairt Évian
Chaidh Co-labhairt Évian a ghairm air sgàth 's tionnsgnadh ceann-suidhe Ameireaga Franklin D. Roosevelt anns an Iuchar 1938 airson bruidhinn mu dheidhinn atachadh àireimh de fhògarraich Iùdhach bho geur-leanmhainn Nàsachd às a' Ghearmailt. Airson ochd làithean, bhon 6mh chun an 15mh latha den Iuchar, thàinig luchd-ionaid à 32 dùthchannan agus 39 eagrachadh prìobhaideach còmhla aig Évian-les-Bains, an Fhraing. Thàinig mu 200 luchd-naidheachd cuideachd.
Bha na Iùdhaich às an Ostair agus às a' Ghearmailt làn dòchais gum biodh a' cho-labhairt eadar-nàiseanta a thoirt cothrom dhaibh beatha ùr a thòiseachadh taobh a-muigh na Gearmailt. Ach aig deireadh na co-labhairt dhiùlt na Stàitean Aonaichte agus an Rìoghachd Aonaichte meall mòr de na h-Iùdhach a ghabhail a-steach. Ann an sùilean nan Iùdhach agus an luchd-leantainn aca cha robh a' cho-labhairt ach a' chaoile ghorm. Lean na dùthchannan eile an diùltadh seo agus mar sin cha robh àite sam bith do na h-Iùdhach airson teicheadh.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Decisions Taken at the Évian Conference (Beurla)
- The Évian Conference (Beurla)
- The Évian Conference – Hitler's Green Light for Genocide (Beurla)