Co-bhualadair Mòr Hadron
Coltas
Is e an Co-bhualadair Mór Hadron (no an LHC - mar as fheàrr a dh’aithnichear e) an greasadair-mhìrean as motha agus as cumhachdaiche air an t-saoghal.
Tha an LHC a’ cleachdadh nam mìltean de mhagnaitean os-giùlain ann an tunail de 27km a dh’fhaid, 100m fo chrìoch na Frainge ’s na h-Eilbheise, gus dà ghath de mhìrean meanbha a ghreasad ionnas a bhith aig astar an t-solais. An uairsin théid an dà ghath seo a bhualadh air a chéile gus an staid a bha ann dìreach aon trilleanamh de dhiog an déidh a’ Bhraig Mhóir ath-chruthachadh.
Anns a’ bhliadhna 2012 fhuair an LHC lorg air mìr ùr a tha a’ co-fhreagradh ris an Higgs Boson, a bhathar fada a’ sireadh.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Dè an ath-rud airson an LHC?Teamplaid:Fix/category[dead link] (bileag PDF)