Cleachdaiche:Ronaldcameron/sandbox

O Uicipeid

‘’’Iain Mac Coinnich ; Neach-iùil nam Beann’’’

Beatha Shreapadaireachd Aige[deasaich | deasaich an tùs]

‘B e croitear bho Sconser anns an Eilean Sgitheanach, a chiad neach-iùil nam beann profeasanta, Breatannach agus fior Ghaidheal a bh’ann an Iain Morton MacCoinnich (1856-1933).

Thathar a’ creidsinn gun do shreap e Sgurr nan Gillean aig deich bliadhna a’ dh’aois agus, [1] na deugaire, gun robh e ag obair mar gille-eich airson Taigh Osda Sligeachan, a toirt luchd turais gu Loch Coruisg, [2] Rinn e a’ chiad dìreadh aithnichte de Sgùrr a Ghraeadaidh aig 14 bliadhna a’ dh’aois comhla ri Mgr Tribe.Bha e comhla ri an Sgitheanach ainmeil sin,Alasdair MacNeacail, ann an 1874 air a’ chiad dìreadh den Sgurr Dubh. .[3] ‘B e bliadhna torach a bh’ann an 1887 do MacCoinnich. Fhuair e aithneachd mar a ‘ chiad duine Am Basteir a shreap comhla ri sreapadair Eireannch, Henry Hart, leis an deach e tarsainn, an ìre mhath, An Cuiltheann gu leir ann an da là. Lean iad ri cheile Palla Collie air Sgùrr Mhic Choinnich , a’ chiad turas a chaidh sin a dhèanamh. .[4] Tha cuid air toiseachadh , o chionn greis, Palla Hart a chuir air a’ Phalla a tha seo. [5] Bha e an sas anns an darna dhìreadh den taobh cas an Iar air An Stac (Am Binnein do-Ruigsinneach) As deidh sin, rinn e a’ chiad dìreadh de Sgùrr Thearlaich agus Sgùrr Mhic Choinnich, Beinn a chaidh ainmeachadh as a dheidh. .[6]

‘S e treoraiche stèidhichte a bh’ann nuair a choinnich e le Thormod Collie ann an 1886 agus fiosrachadh a’ toirt dha mu’n slighe gu mullach Sgurr nan Gillean. As deidh sin, shreap iad gu cunbhalach comhla ri cheile, a’ rannsachadh a’ Chuilitheann, iomalach, fiadhaich agus far nach robh mapaichean math aig an àm. Dh’fhas ceangal laidir càirdeis eadara. Cha robh e coltach gun robh cus uidh aig fear seach fear dhuibh ann an cruineachadh cnap mòr airgid. Bha miann orra a shreap agus a rannsachadh nach b’urrainn dhaibh a chuir dhan darna taobh. Dh’fhas dìoghras aca airson iasgaich na bu chudromach mar dh’fhas iad na bu shine Tha e coltach gun robh aig Coillie an lèirsinn dìridhean ùra fhaicinn agus gun deach MacCoinneach air toisich, mar bu trice.[7].Cha robh cairdeas thar criochan ìre soisealta biceanta aig an àm sin. S’docha gun robh e feumail gur e daoine laghach a bh’annta. [8] Rinn iad mòran ri cheile a tha cliùiteach. Rinn iad an gnothaich air an bearn eadar Sgurr Thearlaich agus Sgurr Dubh ann an 1891, ‘s dòcha an àite as dorra air an dhruim gu leir. Ann an 1896 rinn iad a’ chiad dìreadh de Sgùrr Coir’ an Lochain, ‘s dòcha am mullach mu dheireadh ann an Breatainn casan dhuine a’ fhaireacdainn. [9] Lorg Collie A’ Chioch, cnap mòr carraige iongantach air cliathaich Sron na Ciche ann an 1899 agus lean a’ chiad direadh le MacCoinnich ann an 1906[10] Gabh John Lyall pairt MacCoinnich agus Alan Kimber pairt Collie ann an sreath program air an robh “An Edge” a rinn a’ BhBC ann an 1997 air eachdraidh sreapadaireachd an Alba[File:The Cioch.jpg|thumb|Climbers on the Cioch, Isle of Skye]]

Caractar[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Ken Crocket air a togail as an t-Siorram G.D. Valentine “The stalker’s cap, the loose jacket and the knickerbockers, which he wore suited the man; they seemed to grow out of him. He had the characteristics of the Highlander; the courtesy joined to self respect that are the heritage of the clans. His accent to the end smacked of the Gaelic speaker. His features were strong and embrowned by weather. He wore the old style of short beard, whiskers and moustache. Always alert, always cheerful, he was the perfect companion, but it was when the mist came swirling down on the wet rocks that his true worth was known.” [11] A rèir Crocket bhiodh MacCoinnich air mìltean de luchd-turas ‘s sreapadair a’ toirt dhan Chuilitheann gun tubaist sam bith a’ tighinn orra, euchd air leth ann an àrainneachd cho an-iochdmhor, na beanntain as dubhlanaiche ann an Breatainn. Fhuair e aithne bhon buidheann shreap, an Alpine club a thug sèorsa de ballrachd urramach dha. Cha do shreap e riamh taobh a muigh na h-Alba.

Teaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

Cha do phos MacCoinnich riamh, direach mar an caraid aige,Collie. Thog e taigh ann an 1912 air an croit aige leis an t-airgead a choisinn e air a’ bheinn. Rinn e an dachaidh aige an sin comhla ri da phiuthar agus mac ‘s nighean brathair no phiuthair.

Bas[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail MacCoinnich ann an 1933 aig aois 76.Chaidh a thiodhlachadh ann an cladh na h-Eaglaise Saoir, Bràcadal. Sgriobh Collie bàs-chlàr ann an iris Buidheann Streap na h-Alba (S.M.C.). Chaochail Collie fhein ann an 1942 agus, a rèir a mhiann, chaidh a thiodhlachadh ri taobh a charaid choir. .[12]

Cuimhneachan[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar an dochas gun teid £320,00 a thogail agus ìomhaidh umha, leis an saigheadair, Stephen Tinney, de Collie agus MacCoinnich a chuir air cnoc ri taobh Taigh Osda Sligeachan a coimhead a null dhan Cuilitheann. .[13] .[14]

Digitally created impression of how the commemorative statue will appear
Montage of images, photographs and proposed statues
Digitally created impression of how the commemorative statue will appear
Montage of images, photographs and proposed statues
  1. https://skyesculpture.wordpress.com/
  2. Ken Crocket, ‘’Mountaineering in Scotland ; The Early Years’’(Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust, 2015) 42
  3. http://www.scotland.org.uk/scottish-mountaineers/john-mackenzie
  4. http://www.scotland.org.uk/scottish-mountaineers/john-mackenzie
  5. Noel Williams, ‘’Skye Scrambles’’, (Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust,2017) 250
  6. John R. MacKenzie and Noel Williams, ‘’Skye : Rock and Ice Climbs’’, (Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust,1996) 5
  7. Ken Crocket, ‘’Mountaineering in Scotland ; The Early Years’’(Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust, 2015)42-45
  8. http://www.scotland.org.uk/scottish-mountaineers/john-mackenzie
  9. http://www.smc.org.uk/Gallery/SMC%20Pioneers/JNC.php
  10. Ken Crocket, ‘’Mountaineering in Scotland ; The Early Years’’(Edinburgh: Scottish Mountaineering Trust, 2015) 49-50
  11. Ken Crocket, ‘’Mountaineering in Scotland ; The Early Years’’(Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust, 2015) 43
  12. Ken Crocket, ‘’Mountaineering in Scotland ; The Early Years’’(Dùn Èideann: Scottish Mountaineering Trust, 2015) 43-53
  13. http://www.scotsman.com/heritage/people-places/skye-to-honour-legendary-scots-climbers-with-work-of-art-1-4185022 Brian Ferguson, (The Scotsman, 23 July 2016).
  14. https://www.johnmuirtrust.org/assets/000/000/927/JMT_Journal_53_autumn_2012_original.pdf?1438517363 Jamie Grant, (John Muir Trust Journal, Vol 53, Autumn 2012, p 18)