Cleachdaiche:MichealT

O Uicipeid

Is mise Mìcheal. Tha mi dhà bhliadhna air tri fichead a dh'aois ('s ann an am Mairt 2007 a sgrìobh mi sin; chan 'eil mi gu tur cho òg sin a-nis). Mar sin, chan 'eil mi ach gle òg fhathast agus tha mi'n dùil a bhith 'fàs gu bhith aosd latha 'bhios ann sud - ach tha eagal orm gu'm feum mi fantuinn ùine mhóire.

Tha mi a fuireach anns an taobh tuath de Shasunn is anns an Spainnt, ach bidh mi 'g obair ann an Lunnain agus anns na h-Innseachan. (Ùrachadh, Gearrain 2011: tha mi air mo dhreuchd a leigeil a-nis.)


Tha a Bheurla Sasunnach agam gu ire gu math fileanta, agus bha a' Ghàidhlig agam ach feumaidh me aideachadh nach 'eil a nis (tha Gàidhlig agam ceart gu leor, ach chan 'eil a' Ghàidhlig agam - dh'fhàs i lapach orm 's mi gun a cleachadh gu leor). Chaidh a' Fhraingis mall orm, is sgreataidh a Ghearmailtis agam, is miosa fòs an Eadailtis, chaill mi mo Laidinn agus is gann gu'n do thoisich mi air Rusais agus Seapainis a dh'ionnsachadh mus do leig mi diochuimhn' air fàd orra. Tha mi 'g ionnsachadh na Spainntis a-nise. Ach chan iad na cànain fhéin a bhios uidh agam annta.


'S iad bàrdachd nan Gàidheal, SciFi 'sa Bheurla ('S e droch bheurlachas a th' ann an abairt "Ficsein Saidheansail", mar sin cleachdaidh mi am beurlachas neo-bheudar "SciFi") agus eòlaidheachd agus feallsanachd tomhas-iùil na cuisean 'sam bi m'uidh, agus 's e coimpiutaireachd 'bha mo dhreuchd.

Seinnidh mi an còmhnaidh air an aon fonnphort: litreachadh ceart na Gàidhlig - agus ma bhios GOC agad, bidh mi gle thoilichte soitheach-sgudail a thoirt dhuit saor an asgaidh gus am faigh thu cuidhteas dheth. (Ach seinnidh mi òrain Gàidhlig agus Gaeilge agus Gallda cuideachd, chan e litreachadh a-mhàin bhios cuspair mo dhàin).


Chuir mi an rùn fodham a bhith sgriobhadh mu dheidinn bhàrd, mu dheidhinn bàrdachd, agus mu dheidhinn na chànain Ghàidlig anns am Wikipedia a tha seo -- ach gus a-nis cha do srìobh mi dad