Jump to content

Cleachdaiche:Dreolluinn/sandbox

O Uicipeid

Duilleagan ri deasachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Niall Mac ‘ill Eathain – Bàrd Bhaile Ghobhainn[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Niall Mac ‘ill Eathain (Neillie Ruairidh Nèill Chanaich) ann an Tobar Mhoire ann an 1880. Bha e a’ fuireach an sin còmhla ri athair (Ruairidh Nèill Chanaich), a mhàthair (Emma Chaimbeul à Eilean Eige) a chòignear bhràithrean agus is pheathraichean, agus a sheanmhair, Mairead Chaimbeul, aig nach robh ach Gàidhlig. Bha Niall na iasgair, mar a bha athair, ach dh’ fhàg e Muile mu 1900, airson obair a lorg ann an Glaschu, coltach ri tòrr eileanaich eile. Phòs e tè Anna Nic Dhòmhnaill à Uibhist a Deas. Bhiodh e a’ tilleadh a Mhuile gach bliadhna aig àm Fhaighir Ghlaschu. A bharrachd air òrain mu Eilean Mhuile, sgriobh e dàin mu Uibhist, Eilean Cholla, is eile. Chaidh leabhar de na h-òrain aige - Dàin às gach Ceàrn - fhoillseachadh ann an 19** le meur Bhaile Ghobhainn den Chomunn Ghàidhealaich.

Dùghall MacPhàil[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Dùghall MacPhàil, a bhiodh a' sgrìobhadh fon t-ainm Muileach, ann an 1818 ann an Srath Caoil ri taobh Beinn Bhàirneach ann am paraiste Thorasaigh am Muile. Bha a dhaoine air a bhith nan tuathanaich an Gleann Forsa agus bha athair na thuathanach ann an Doire Chuilinn.