Clas teannachaidh Shapley–Sawyer
'S e siostam seòrsachaidh a th' ann an clas teannachaidh Shapley–Sawyer air sgèile o aon gu dà dheug a chleachdas àireamhan Ròmanach airson grioglachain chruinne a sheòrsachadh a-rèir an teannachaidh aca. Thèid na grioglachain leis an teannachadh as àirde mar M75 a sheòrsachadh mar Chlas I, leis an teannachadh 'ga lùghdachadh ceum air cheum gu ruige Clas XII, can Palomar 12. (Thèid an clas a thoirt seachad le àireamhan àbhaisteach [Clas 1–12] seach àireamhan Ròmanach aig amannan.)
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]O 1927–1929 a-mach, thòisich Harlow Shapley agus Helen Sawyer Hogg air grioglachain a sheòrsachadh leis an sgèile seo a-rèir ìre an teannachaidh a tha air an t-siostam an comhair an eitein. Thòisicheadh air Shapley–Sawyer Concentration Class a chur air an sgèile sin rè àm.[1]
Clasaichean
[deasaich | deasaich an tùs]| Clas | Tuairisgeul | Ball-eisimpleir |
|---|---|---|
| I | Fìor-theannachadh an comhair a' mheadhain | |
| II | Teannachadh dùmhail sa mheadhan | |
| III | Titean treun de reultan | |
| IV | Teannachaidhean meadhanach beartach | |
| V | Teannachaidhean reultan meadhanach | |
| VI | Meadhanach | |
| VII | Meadhanach | |
| VIII | Teannachadh caran sgaoilte an comhair a' mheadhain | |
| IX | Teannachadh sgaoilte an comhair a' mheadhain | |
| X | Sgaoilte | |
| XI | Glè sgaoilte an comhair a' mheadhain | |
| XII | Teannachadh gann an comhair a' mheadhain | |
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Harlow Shapley, Helen B. Sawyer: A Classification of Globular Clusters. Ann an: Harvard College Observatory Bulletin. Iom-leabhar 849, 1927, td. 11–14 (harvard.edu)
- ↑ Burton, Jeff (July 26, 2011). "Shapley–Sawyer Globular Cluster Concentration Class".










