Jump to content

Clach Chlann 'ic Ailein

O Uicipeid
Caibealan san Tobha Mhór
Caibeal san Tobha Mhór
Caibeal san Tobha Mhór

ʼS e clach shnaighte ainmeil a tha ann an Clach Chlann ’ic Ailein (Beurla: Clanranald Stone), bhon Tobha Mhòr ann an Uibhist a Deas. Tha i a-nis ann ann Taigh-tasgaidh Chill Donnain. Snaighte air a’ chloich tha suaicheantais Chlann ’ic Ailein. Thathar a’ smaoineachadh gun deach a snaigheadh anns an 16mh Linn airson Iain Mùideartach, ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein. Thathar a’ smaoineachadh cuideachd gun robh i bho thùs ann am balla ann an seipeal, no caibeal, anns an Tobha Mhóir.

’S e àite cudromach a bh’ anns an Tobha Mhòr ann an eachdraidh na h-Eaglaise anns na h-eileanan. Nuair a chaochail Iain Mùideartach ann an 1574, chaidh a thìodhlacadh anns an Tobha Mhór. Agus dh’fhàg e airgead airson caibeal ùr a thogail anns an àite sin. Thathar a’ dèanamh dheth gur ann an uair sin a chaidh Clach Chlann ’ic Ailein a dhèanamh.

Nuair a thòisich an caibeal air tuiteam às a chèile, chaidh a’ chlach a thoirt a-mach às a’ bhalla agus a cur am broinn na tobhta. Ach chaidh a goid às a sin ann an 1990. Chaidh a toirt gu ruige Lunnainn. Gu fortanach, fhuair Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas air ais i às dèidh còig bliadhna, agus tha i a-nis ann an Taigh-tasgaidh Chill Donnain.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]