Clò Hearach
Dathachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Thuirt Seòras Bochanan ann an 1582 mu dheidhinn na h-eileanaich "they delight in marled clothes, specially that have long stripes of sundry colours; they love chiefly purple and blue". Sna làithean seo, thèid clò Hearach a lorg ann an dath sam bith air sgàth 's gun cleachd Harris Tweed Authority dathan fuadain; ach, gu h-eachdraidheil, thàinig dathan à lusan agus crotal às na h-eileanan. 'S e obair boireannach a bh' ann an dathachadh agus, an àite sgrìobhadh na reasabaidhean, chaidh a mhòr chuid a theagasg le beul-oilean bho màthair dha an nighean aice fhèin. B' urrainn dha na boireannaich nan eilean siar dath sam bith a dhèanamh agus rinn iad iad leis an crotal agus na lusanan an tiomall. Chaidh cuid de na dathan a thional tron bhliadhna agus a stòradh ach cha b' urrainn dha cuid de dathan eile – gu h-àraidh dathan flùraichean agus duilleag. Thathar a' cleachdadh dìreach às dèidh a bhith truiste. 'S ann a crotal a tha an donn suaicheanta cho ceangailte le clò Hearach. 'S e sin an dath a chleachd na eileanaich as trice. Chaidh sgrìobhadh gum b' fheudar dha na Hearaich agus na Leòdhasach malart leis na Sgitheanaich airson crotal fhaighinn air sgàth 's nach robh càil air fhàgail air an eilean fhèin. Nì crotal orainds agus purpaidh cuideachd: Nì crotal fiasag nan creag orainds agus nì crotal corcair purpaidh ma thèid e brachadh le amòinia. Thèid mòran crotail agus lus a chleachd na h-eileanaich dìon na làithean seo an cois a' chlò
Lusan an Dathachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Dath | Lus |
---|---|
Purpaidh | Dearc-choille |
Orainds | Freumhaich na geàrr-dhearcaige, sùith mòna agus smeuran |
Gorm | Glas-lus agus droman |
Dearg | Leannartach, freumhaich a' mhàdair agus beàrnan brìde |
Buidhe | Lus-bhuidhe mor, bealaidh, liath-lus, ubhal-fiadhaich, breun-ubhal, critheann, roid, bun rainnich, agus achlasan Chaluim Chille1 |
Uaine | Fraoch, luaidheach, duilleagan an t-seileasdair, bealaidh1, agus conas |
Tanaidh | Sùith na mòna, lus-chuchulainn, cairt na feàrna, freumhaich an t-saimh, uinnseann, droman, agus leadan |
Liath | Bog-uige |
Dubh | Cairt agus dearc daraich, gucag-bhàite |
Tha dathachadh clòimhe a' tòiseachadh le roinnseachadh. 'S e an dòigh a bhios sinn a' nighe an t-arm a th' ann an roinnseachadh. 'S e arm an t-ainm a th' air clòimh amh agus tha e salach le talamh agus easradh bho beatha na caora. Mura tèid an toirt air falbh, bidh an dath neo-chothromach. Tha ola clòimhe air arm cuideachd agus, mura tèid an ola a thoirt air falbh, chan urrainn an dath freumhadh. Tha ola clòimhe uisge-oillteach air sgàth 's gu bheil i neo-phòlarach. Bhacadh an ola clòimhe an dath a drùdhadh a' chlòimh air sgàth 's gu bheil dathan a' ruithe ann an uisge agus tha uisge pòlarach. Às deidh gu bheil a' chlòimh air a lomairt, feumaidh i a bhith ga roinnseachadh gu aithghearr no grodaidh i. Tha roinnseachadh a' tòiseachadh le tional an uisge. B' fheàrr leis a' muinntir uisge nan neul. Chan eil mòran idheonaichean ann an uisge nan neul. Gabhaidh idheonaichean gnothach ri siabann a chopadh agus ri mordants. Chaidh an t-uisge a theasachadh ann am pràis le teine mòna gu teas a' chùim agus gus an cop an siabann. Chaidh na rùisg a chur anns a' phràis agus a caoin-ghluasad le bata-fiodha. 'S e obair doirbh a bh' ann an roinnseachadh air sgàth 's gum b' urrainn dhan rùsg a dhèanamh ad-olainn agus cha bhi an snàth cho làidir. Feumaidh na rùisg a bhith a' glanadh iomadh tursan gus a bheil iad geal. An uair sin chaidh an sìneadh air an fhraoch a-mach sna ghrian ach far a bheil gaoth airson an tioramachadh.
Mus tèid a' chlòimh dathachadh, feumaidh an dathadair mordant a thaghadh . 'S e stuth a cheangaileas an dath ris a' chlòimh a th' ann am mordant. Cha mhòr nach eil am pH aig clòimh neodrail. Le sin, tha clòimh furasta dathachadh le seabhagan no stuth alcaileach ach falbhaidh an dath gu furasta cuideachd. 'S e meiteal a th' anns a' mhòr-chuid de mordant le teàirrds nas àirde na dà. Ceangailidh e ris an ogsaidean anns a' chlòimh agus cuiridh e teàirrds air a' chlòimh. Mar seo, b' urrainn dha na dathan a sìor-cheangal leis a' chlòimh. 'S e iarann, alman, staoin, copar sulfat agus alm na mordant as cumanta ach b'fheudar an dathadair an ceannach. Mura b' urrainn dha an dathadair am mordant a cheannach, chaidh maistir a chleachdadh. Ged a thathar uile a' ceangal dath ri clòimh, bheir iad buaidh diofar air an dath.
Buaidh am Mordant
[deasaich | deasaich an tùs]Mordant | Buaidh |
---|---|
Iarann | Dubhaichidh e dathan. Soilleirichidh e uaine. |
Alman | Chan eil buaidh air an dath. |
Staoin | Soilleirichidh e dearg, orainds agus buidhe. |
Copar Sulfat | Dubhaichidh e dathan. Soilleirichidh e uaine. |
Alm | Soilleirichidh e dathan. Cothromaichidh e dathan. |
Searbhag Cairte | Soilleirichidh e donn agus tanaidh. |
Tha buaidh am mordant cuideachd a' crochadh ri cuin a thèid a chur ris a' chlòimh. B' urrainn dham mordant a bhith ga chur ris a' chlòimh ro an dath, às dèidh an dath no aig an aon àm leis an dath. Tha am mordant ag obair nas fheàrr nuair a thèid a chur ris a' chlòimh ro an dath air sgàth 's nach eil e feuchainn ri an dath airson a cheangal ris a' chlòimh. Ach, ged a tha e ag obair nas fheàrr, bha e nas cumanta a cur am mordant aig an aon àm leis an dath air sgàth 's gu bheil e nas fhasa.
Dhathaich boireannaich nan eilean san t-samhradh ri taobh abhainn ann an poitean mòr pràiseach. B' fheudar dhan chlòimh a bhith a' bruich fad trì no ceithir uairean agus le sin, bha e cudromach a bhith faisg air solar-uisge. Chaidh a' chlòimh a bhruich air teine mòna beag. Chaidh a' chlòimh agus an dàth a chur anns a' phoit ann an breathan. Bho àm gu àm, thog an dathadair a' chlòimh le slat fiodha airson an dath a luachadh. Nuair a bha dath a' clòimhe ceart, chaidh a' chlòimh a nighe anns an abhainn (no ann an sàl airson gorm) gus an robh i glan agus chaidh a sìneadh air an fhraoch a-mach sna ghrian.