Chía (Cundinamarca)
Chía
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Àirde | 2290m | ||||
Co-chomharran | 04° 52' 00' Tuath 74° 04' 00' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 80 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 97,896 (2005) | ||||
Dlùths | 1,223.7/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
'S e baile mòr ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Chía. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,290m os cionn ìre na mara agus dìreach 2.7km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 14˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Chía an 49mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1720.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha na h-ùghdarrasan ionadail dhen bheachd gur e ainm Chibcha a th' ann Chía, mar as àbhaist ann an Cundinamarca. Tha e a' ciallachadh Gealach.[4]
Sluagh a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha 97,896 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 24,055, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Chía, ach tha 2% dhe Tùsanaich agus 1.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 96.1% dhe na daoine ann am Chía leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 68.6% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chía. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mapa na Roinnean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia