Chrissie Dick
'S e sgrìobhadair, craoladair, agus sgoilear na Gàidhlig a tha ann an Chrissie Dick. Rugadh i ann an Glaschu ann an 1934, agus thoghadh i ann an Glaschu gus an do chuir a pàrantan i a Ghréineatobht aig toiseach an darna cogaidh, far an do chuir i seachad bliadhnaichean a’ chogaidh. Thug i ceum a-mach ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu far an do thachair i ris an duine aice, John Bannerman, a sgrìobh grunn leabhraichean air eachdraidh na h-Alba. Tha Chriosaidh i fhèin air leabhraichean a sgrìobhadh , leithid Raonaid, Thugam agus Bhuam agus Na Loidsearan Neonach. Bha Chrissie cuideachd an sàs ann an dràma nuair a bha i na b’ oige, agus b’ ise a’ chiad tè a chluich Lady MacBeth ann an tionndadh Gàidhlig.
Fad bhliadhnaichean, bha i na h-ollamh aig Oilthigh Srath Chluaidh ann an Roinn an Fhoghlam (Cnoc Iòrdain). Ann an 2014, bhuannaich Chrissie agus a bràthair Lachie Duais nan Sàr Ghàidheal aig Sabhal Mòr Ostaig.