Castelló (roinn)
Castelló
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Castelló de la Plana | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 6,632 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 604,344 (2014) | ||||
Dlùths | 91.13/km² | ||||
Àireamh fòn | + (964) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Castelló (IPA: kasteˈʎo, Spàinntis: Castellón). Tha e na laighe ann an Co-chomann València, air an àirde an ear na dùthcha. 'S e Castelló de la Plana a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh València i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Castelló fad 6,632km²[3] agus tha 604,344 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 38mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 27mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Tarragona, Teruel, agus València.[5] 'S e Spàinntis, Catalanais a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a h-uile coltas ann gur ann à Castalias o no Castalium, ann an Ibearais - am baile a nochd ann an Strabo - a th' ann an t-ainm.[6] Tha Castelló a' ciallachadh Casiteal beag ann an Catalanais. An dèidh nan Arabach bhìthte a' cleachdadh foirmean air an sgrìobhadh ann an dòigh gu math tuaireamach mar Castelló de Borriana, Kastilgón,Castilgone ripa de mare no fiù's Castilion.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Gran Enciclopedia de el País Valenciano, Editorial Prensa Valenciana, 2005, ISBN 84-87502-51-2