Caoineag

O Uicipeid

A rèir beul-aithris, bha spiorad na taibhseachd air a' Chaoineag.

Ùine gheàrr mum biodh bàs anns an nàbachd, bhiodh feadhainn ga cluinntinn a' tuireadh airson an aoin a bha gu falbh - ach is ann ainneamh a chunnacas i.

Do neach a dh' iarr "Cò tha siud?", dh'fhreagradh i: "Cò a th' ann ach Caoineag bheag a' bhròin!"

Bhiodh i ri cluinntinn cuideachd ann an lagan ùdlaidh agus an cois easachan is uillt ann an glinn uaigneach.