Camas Cros
Coltas
’S e baile beag croitearan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a tha ann an Camas Cros, air taobh an iar na Linne Slèitich.
Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach bhon ainm gun robh manaich Chrìosdaidh anns an àite. Tha beagan deasbaid ann a thaobh an ainm. ’S “Camus Croise” a tha air na soidhnichean rothaid, ach ’s “Camas” an litreachadh a rèir COG, agus ’s e “Cros” agus chan e “Croise” a bha muinntir na sgìre gu lèir ag ràdh, aig an robh deagh Ghàidhlig, agus ’s e Camas Cros a tha sa stòr-dàta aig Iain Mac an Tàilleir.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ "Lorg àite". www3.smo.uhi.ac.uk. Retrieved 21 Iuch 2024.