Caisteal Àthaidh
Is e Caisteal Àthaidh caisteal suidhichte mu 3 mìle gu tuath air Obar Bhrothaig ann an Siorrachd Aonghais, Alba. Buinidh e don 14mh linn, is e 15,091 troigh cheàrnagach (1,402.0 m2) de mheud.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha tùs Chaisteal Àthaidh a' freumhachadh mun bhliadhna 1300, nuair a thog na manaich aig abaid Obar Bhrothaig daingneach de chlachan-gainmhich. Ghabh an teaghlach de Maxwell sealbh air a' chaisteal mus deach a shìneadh chun a' chàirdineil mu dheireadh ann an Alba, Dàibhidh Peutan. Mhurtadh esan an Cill Rìmhinn ann an 1546, ach chithear a' bhuil fhollaiseach aige fhathast anns a' chaibeal bheag agus seòmar-suidhe a' Chàirdineil, far a bheil staidhre dhìomhair ann don Talla Mhòr gu h-àrd.
Cheannaich teaghlach Carnegie an caisteal ann an 1665 mun do bhuilicheadh an tiotal Iarlan Northesk orra. Bha an 7mh Iarla na iar-chabhlaiche a ghabh an comannd ri taobh Nelson aig Blàr Trafalgar an 1805. An lorg sin, choisinn e an t-urram Trafalgar aonachadh ri shuaicheantas fhèin agus chithear seo fhathast air a shnaigheadh ann an uinneag mhullaich (dormer) aig Caisteal Àthaidh. Chaidh an caisteal is na gàrraidhean aige a cheannach leis an fhear-ealain is trusaiche bhall-àrsaidh William Cunningham Hector an 1927.
Tha e air aithris gun do stèidhich Sir Ualtar Scott Caisteal Knockwhinnock, an caisteal uirsgeulach san nobhail aige The Antiquary, air Caisteal Àthaidh. Bha Sir Ualtar Scott na dhlùth charaid do dh'Uilleam Carnegie, an 8mh Iarla Northesk, agus e gu tric a' fuireach na aoigh sa chaisteal.
Dh'ath-nuadhaich ceann-cinnidh Chlann Forsyth, Alasdair Forsyth, an caisteal agus tha e a-nis na àite-suidhe don chinneadh.
Taibhsean
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir beul-aithris, tha an caisteal air a thathaich le tannasg Bean Liath a bharrachd air Dàibhidh Peutan a bha na Aba Obar Bhrothaig san 16mh linn.