Cairistìona NicFhearghais
Coltas
| Cairistìona NicFhearghais | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Cunndainn, |
| Dùthaich |
|
| Foghlam | |
| Cànain | Gàidhlig |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
B' e bana-bhàrd a bh' ann an Cairistìona NicFhearghais, Christina Ferguson no Christiana Ferguson sa Bheurla. B' ann eadar 1745 agus 1746 a bha i a' dèanamh bàrdachd. Bha i pòsta aig Uilleam Siseal a chaidh mharbhadh aig Blàr Chùil Lodair. Bha e a' sabaid ann an arm a' Phrionnsa agus b' e suaicheantaiche do cheann-feadhna Siosalach a bh' ann. Rinn i òran 'Cumha do dh'Uilleam Siseal' no 'Mo Rùn Geal Òg', mar a chanas iad ris. Faisg air an t-Sruigh, tha carragh-chuimhne a' comharrachadh an àite far an robh Cairistìona agus Uilleam a' fuireach.

Dàin
[deasaich | deasaich an tùs]- Mo Rùn Geal Òg: An Lasair, d.174-179
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)