Còiseam Mòr
Còiseam Mòr | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||||
25 dhen Iuchar 306 (Gregorian) - 22 dhen Chèitean 337 (Gregorian)
25 dhen Iuchar 306 - 22 dhen Chèitean 337
19 dhen t-Sultain 324 - 22 dhen Chèitean 337 ← no value - Constantius II (en) ![]() | |||||||||
Beatha | |||||||||
Ainm slàn | Flavius Constantinus | ||||||||
Breith |
Niš (en) ![]() | ||||||||
Dùthaich | An t-Seann Ròimh | ||||||||
Bàs |
Nicomedia (en) ![]() | ||||||||
Àite-adhlacaidh |
Church of the Holy Apostles (en) ![]() | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Constantius Chlorus | ||||||||
Màthair | Helena Augusta | ||||||||
Cèile |
Minervina (en) ![]() Fausta (en) ![]() | ||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||
Fine |
Constantinian dynasty (en) ![]() | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Cànain | Laideann | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, luchd an airm agus flaitheach | ||||||||
Obraichean comharraichte |
Debates of Constantine (en) ![]() | ||||||||
Tèarmann | |||||||||
21 an Cèitean agus 6 an Giblean | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh |
Crìosdaidheachd creideamh san t-Seann-Ròimh |
B' e impire nan Ròmanach a bha ann an Còiseam Mòr.
Rugadh e ann an Niš, no Naissius mar a bha air aig an àm sin, anns an Roinn Bhàlcanach ann an 272.[1] Thàinig e gu Breatainn ann an 305 còmhla ris athair Constantius Chlorus a bha na ìmpire aig an àm is a chaochail ann an Eabhraig ann an 306. Fhuair e taic bho saighdearan Ròmanach is chaidh e na ìmpire. Thug e taic gu Crìostachd, a bha mì-laghail anns an Ìmpireachd ro Fuagradh Mhilan ann an 313, is fhuair Eabhraig a chiad easbaig ann an 312. Stèidhich e Baile Chòiseim ann an Anatol.[2]
Bha ceithir impirean aig an àm sin agus cha robh smachd aige air an Ròimh gus Blàr Drochaid Milvio ann an 312 far an do thug a fheachdan buaidh air Maxentius, ìmpire eile. Thug e buaidh air Licinius agus Licinianus, na h-ìmpirean eile mu dheireadh, anns na Blàran Hellespont agus Chrysopolis is chaidh e na ìmpire aonair ann an 324. Chaochail e ann an 337.[1]
Fo Chòiseam Mòr ann an 325 thachair Comhairle Nicaea ann an Nicaea, faisg air Baile Chòiseam. An sin dh'aontaich muinntir nan eaglaisean Crìostail air algairim airson ceann-là na Càisge is Creud Nicaea - dè bu chòir do Chrìostaich a chreidsinn.[3]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ 1.0 1.1 “Constantine the Great (c.272 – 337)”. York Civic Trust. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Constantine the Great”. York Museums Trust. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Seanadh Whitby (2)”. Litir do Luchd-Ionnsachaidh. LearnGaelic.scot. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.