Càrn Cùl ri Èirinn
Coltas
'S e càrn a tha air mullach cnuic ann an Eilean Ì a th' ann an Càrn Cùl ri Èirinn. Chaidh a thogail an dèidh do Cholum Cille Eilean Ì a ruigsinn bho Èirinn. Nuair a ràinig Colum Cille agus a chompanaich an t-eilean anns a' bhliadhna A.D. 563, dhìrich e an cnoc a b' àirde a bha anns an eilean, 's chunnaic e gun robh e à sealladh Èirinn. Bha de ghràdh aig a dhùthaich, 's nach biodh e toilichte a bhith ga faicinn gun a bhith innte. Rùnaich e a chòmhnaidh a dhèanamh ann an Eilean Ì oir chunnaic e gun robh e so-ruigsinn do na h-eileanan mun cuairt, agus gun robh e na eilean a bha math airson bàrr agus ionaltradh, agus mar sin ro fhreagarrach airson àite tàimh fhoghlamaich agus theachdairean. [1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 283 252