Briseadh na h-Eaglaise (1843)
Coltas
B' e tachartas cudromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus na h-Alba anns an fharsaingeachd a bh' ann am Briseadh na h-Eaglaise (Beurla: Disruption of 1843).[1] B' e sgaradaireachd ann an Eaglais na h-Alba a bh' ann. Ann an 1843, dh'fhàg 450 ministearan Eaglais na h-Alba (Eaglais Stéidhte), oir cha robh iad ag aontachadh ris an dàimh eadar an eaglais agus an stàit, agus chaidh An Eaglais Shaor a stèidheachadh.[2]