Bridge of Weir
'S e baile ann an Siorrachd Rinn Friù a tha ann am Bridge of Weir. Tha e suidhichte ann an Srath Ghriobhaidh air an abhainn Gryffe. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 51′ 23.44″ Tuath agus 4° 34′ 39.6″ Iar.
Ann an 2001 bha 4,635 duine a' fuireach ann. [1] Ach tha mòran dhiubh ag obair ann an Glaschu agus Pàislig.
Tha gnìomhachas leathair cudromach don bhaile. Tha a' chompanaidh chàraichean Lincoln às na Stàitean Aonaichte a' cleachdadh leathar à Bridge of Weir anns na càraichean Continental line aca.
Tha dà raon goilf ann am Bridge of Weir, an Old Course Ranfurly Golf Club agus an Ranfurly Castle Golf Club.
Tha aon sgoil anns a' bhaile, Bridge of Weir Primary. Thèid sgoilearan dhan àrd-sgoil Gryffe High School ann an Houston.
Tha grunn eaglaisean anns a' bhaile:
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'S e baile an ìre mhath ùr a th' ann: chaidh an t-ainm 'Bridge of Weir' a chleachdadh airson a' chiad uair anns an 18mh linn. Mus deach am baile a thogail ged-tà, bha tuathanasan beaga ann.[2]
B' àbhaist rathad-iarainn am baile a cheangal le Grianaig. Chuireadh an rathad-iarainn air bhog an toiseach air 20 An t-Ògmhios 1864. Dhùin an rathad-iarainn air 10 Am Faoilleach 1983.[3] Tha slighe an rathad-iarainn a-nis na frith-rathad do bhaidhsagalan agus luchd-coiseachd mar phàirt dhen 'National Cycle Network 75', Cluaidh gu Foirthe.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Scotland's Census Result OnLine[dead link]
- ↑ W. Lyle, Bridge of Weir, ISBN 0-9503943-0-0, p.6-7
- ↑ Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 387 656
- Comhairle Coimhearsnachd Bridge of Weir