Crudha

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Bròg-eich)
Crudha

Tha crudha neo bròg-eich na bròg den iarann (neo meatailt eile) a chuirear air eich. Mar is àbhaist, tha iad ann an cruth de “U”. Dìonaidh iad casan an eich, gu h-àraid air rathaidean cruaidh.

Nuair a tha iad air crochadh air balla, theirear gu bheil iad a’ cumail fortan math annta.