Jump to content

Bozdağan

O Uicipeid
Bozdağan
Suidheachadh
Dùthaich Asarbaideàn
Ceàrn Laçın
Sgìre Nagorno-Karabakh
Co-chomharran 39° 53 00' Tuath
46° 26 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 208 (2017)
Àireamh fòn (+994) 26[1]

'S e baile beag anns an sgìreachd (Asarbaideanais: rayon) Laçın, air an àirde an iar-dheas Asarbaideàn a th' ann am Bozdağan (IPA: bozdɑ:ɣɑn). Tha Bozdağan suidhichte faisg air na crìochan le Airmeinia agus an Abhainn Hakari, eadar Baku agus Yerevan, aig 1,540m os cionn ìre na mara, shuas air druim Karabakh nam Beanntan Cabhchas.[2] Tha an uiread dhaoine a tha a' fuireach an seo a' sìor-thuiteam.[3] Chan eil ach 51 taigh, aon bhùth agus leabharlann sa bhaile is 208 duine a' fuireach ann.

B' e Turcaich Oghuz a bh' anns a' mhòrchuid nan daoine a bha nan tàmh an seo fad linntean. 'S ann à dà fhacal Oghuz a tha an t-ainm: Dağlıq (beanntach) agus boz (liath). Bheireadh sin Baile nam Beanntan Liatha duinn sa Ghàidhlig. Tha e coltach gu robh treubh Oghuz leis an aon ainm nan tàmh sa sgìre o chionn linntean.[4] Buineadh am baile dhan roinn fèin-riaghlaidh (Asarbaideanais: Muxtar Vilayət) Nagorno-Karabakh eadar 1923 agus 1991.[5] Nuair a thuit An t-Aonadh Sobhiatach às a chèile thoisich cogadh eadar Airmeinia agus Asarbaideàn: ghabh feachdan os làimh am baile agus an sgìre air fad. Tha iad fhathast ann.[6] Chaidh dithis às a' bhaile a mharbhadh sa chogadh is dithis eile a tha air dhìth gus ar làithean.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Aztelekom
  2. Elevation Map[dead link]
  3. Eurasianet
  4. İbrahim Bayramov, Qərbi Azərbaycanin Türk Mənşəli Toponimləri, Elm, Baku, 2002
  5. Audrey L. Altstadt, The Azerbaijani Turks: power and identity under Russian rule (Hoover Press, 1992, ISBN 0-8179-9182-4, ISBN 978-0-8179-9182-1)
  6. Nakhivan Today
  7. All About Turkey

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]