Bogh Mòr

O Uicipeid
Bogh Mòr
Bowmore Kilarrow Parish Church.jpg
Am prìomh rathad le Eaglais Sgìre Cill an Rubha
Suidheachadh
Bogh Mòr is located in Alba
Bogh Mòr
Bogh Mòr (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Co-chomharran 55° 45′ 25″ T
6° 17′ 13″ I
Feartan fiosaigeach

'S e Bogh Mòr [1] (Beurla: Bowmore) am prìomh-bhaile ann an Ìle. Tha e ainmeil airson an taigh-staile aige agus an t-uisge-beatha ris an canar: Bowmore Single Malt.

Ann an 2001 bha 862 duine a’ fuireach an seo.[2]

Ainm a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir Iain Mac an Tàilleir 's e Bogha Mòr neo am Bogha Mòr ainm a' bhaile[3]. Tha David Ross a' cumail a-mach gum b' e àite-fuirich ceann-cinnidh a bh' ann, chaidh an clachan a leasachadh mar "model town" ann an 1767[4] Air an làimh eile tha MacNiven dhen bheachd gun deach am baile a stèidheachadh ann an 1768 le Daniel Campbell of Shawfield, Fear Ìle aig a àm seo agus chan eile tùs ann mu thuineachadh roimhe sin[5]. A rèir Macniven tha ainm a' bhaile gun alt a' sealltainn is dòcha gur e ainm Lochlannach a th' ann.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bowmore - Bogh Mòr”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2020.
  2. Staitistearachd Bowmore Locality”. Scotland's Census Results Online. Air a thogail 31mh dhen Lùnasdal 2008.
  3. Iain Mac an Tàilleir, "Placenames", duilleag 22, Pàrlamaid na h-Alba
  4. David Ross: "Scottish Place Names", Birlinn, Dùn Èideann 2001
  5. MacNiven, Alan (2006): Norse in Islay : a settlement historical case-study for medieval Scandinavian activity in Western Maritime Scotland, Literatures, Languages, and Cultures PhD thesis collection. Oilthigh Dhùn Èideann, td. 104. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2020. 

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]