Blytheswood

O Uicipeid

’S e carthanas Crìostaidh a tha ann an Blytheswood (no “Curam Blytheswood”). Tha prìomh oifig aca air a’ Ghàidhealtachd, ann am Baile Eòghainn, ach tha oifisean aca cuideachd air feadh Breatainne agus tha iad ag obair ann an dùthchannan thall thairis.

Chaidh Blythswood a stèidheachadh ann an 1966 is tha iad air fàs gu mòr bhon uairsin. Tha an cathrannas a' cumail cosnadh ri 64 duine air a' Ghàidhealtachd is còrr is 250 duine gan cuideachadh gu saor-thoileach. ’S iad a tha a’ ruith Banca Bidhe na Gàidhealtachd, agus bheir iad taic cuideachd do dhaoine a tha a’ fulaing ri trioblaidean dibhe. Tha cuideachd sgeama ath-chleachdaidh is ath-chuairteachaidh aca.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]