Jump to content

Bloemfontein

O Uicipeid
Bloemfontein
Suidheachadh
Dùthaich Afraga-a-Deas
Ceàrn Motheo
Sgìre Manguang
Co-chomharran 29° 07 00' Deas
06° 13 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 46.6 km²
Àireamh-shluaigh 391,511 (2007)
Dlùths 8,401.52/km²
Àireamh fòn + 27 51
Duilleag oifigeil http://www.bloemfontein.org.za/

'S e prìomh-bhaile breithneachail Afraga a Deas a tha ann an Bloemfontein. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Cape Town (reachdail) agus Pretoria (riochdail).

Thàinig an t-ainm Bloemfontein bhon cànan Afrikaans agus Duitseis: "Bloem ontsprong". Tha sin a' ciallachadh fuaran nan flùraichean. Tha far-ainm eile air: Baile nan Ròsan.

Tha Bloemfontein suidhichte ann am meadhan na dùthcha anns an Highveld. Tha an fharsaingeachd rèidh le beanntan beaga (koppies san Afrikaans) an-siud agus an-seo. 'S e seo an co-chomharran aige: 29° 6’ Deas agus 26° 13’ Ear. Tha mu 369,568 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.

Chaidh Bloemfontein a stèidheachadh le Henry Douglas Warden à Breatainn anns a' bhliadhna 1846.

Rugadh an sgrìobhadair J. R. R. Tolkien an seo air an 3mh latha den Fhaoilteach, 1892, ach dh’fhàg an teaghlach aige Afraga a Deas ann an 1896, nuair a chaochail athair Tolkien.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: