Jump to content

Blàr Ghleann Seile

O Uicipeid
Blàr Ghleann Seile
na phàirt de: Ar-a-mach nan Seumasach 1719

Blàr Ghleann Seile, a' sealltainn an-iar bho loidhnichean arm an riaghaltais.

Tha Sgurr na Ciste Duibhe air an làimh cheart dheth

Ceann-latha 10 an t-Ògmhios 1719
Àite Gleann Seile, Ceann t-Sàile,
Gàidhealtachd na h-Alba
Buil Chaidh an latha le Feachdan Rìgh Deòrsa
Luchd-cogaidh
Arm Bhreatainn, no
Arm Rìgh Deòrsa
Arm nan
reubaltach Seumasach;
an Spàinn
Cinn-fheachda
An Seanalair Wightman Marcuis Thulaich-Bhàrdain;
Uilleam Dubh Shìophort;
Am Morair Seòras Moireach
Neart
1,400 - nam measg:
120 de mharc-shluagh;
Dà reisimeid de dh'fhir-chinnidh Gàidhealach;
4 sgiobaidhean-mortair
1,200 - nam measg:
Clann MhicCoinnich;
Clann Chamshroin;
Clann Fhionghain an t-Sratha;
Clann Ghriogair;
200 saighdear dhen arm ceangailte Spàinnteach

'S e blàr eadar na Seumasaich agus feachdan Deòrsa I a bh' ann am Blàr Ghleann Seile.[1]

Air an 10mh latha dhen Ogmhios 1719, chaidh feachdan nan Seumasach a sgapadh às dèidh sabaid dian a mhair ceithir uairean a thìde, aig bonn Sgurr na Ciste Duibhe ann an Gleann Seile, Alba. Thug seo ar-a-mach 1719 nan Seumasach gu crìche.

Na lean chun a' bhlàir

[deasaich | deasaich an tùs]

As t-earrach, 1719, thàinig feachd beag Spàinnteach, dà long-cogaigh agus mu thrì cheud saighdear, air tìr an Loch Aillse, air cost an-iar Gàidhealtachd na h-Alba. Nam measg bha na h-Albannaich Marcais Thulaich-Bhàrdain agus Uilleam Dubh MacCoinnich, an còigeamh Iarla Shìophort. Bha an dithis aca nan Seumasaich bho riamh, agus nam fògarraich às dèidh ar-a-mach 1715. Bha an t-ar-a-mach a rinneadh an 1719 gu mòr an urra ri taic bhon Spàinn; 's e bha fa-near dhan Chardinal Alberoni, riaghaltas Bhreatainn agus riaghladh Rìgh Deòrsa a chur an staid cugallach.

Cha robh còir air an fheadhainn a thàinig air tìr air a' Ghàidhealtachd ach a bhith mar dibhearsain; a rèir plana Alberoni, thigeadh am mòr-fheachd Spàinnteach air tìr an ceann a deas Shasainn, fo chommand Dhiùc Ormonde, ach chaidh an cabhlach Spàinnteach a bha ga ghiùlan a sgapadh le gèilltean agus dh'fhàgadh an còmhlan san àird a-tuath nan aonar.

Rinn na Seumasaich gearasdan agus fùdar-lann de Chaisteal Eilean Donan, agus theann Uilleam Dubh air rèisimeid a chruinneachadh de dh'fhir an àite - a' chuid a bu mhò dhiubh de Chlann MhicRath is Chlann Mhic a' Mhathain - oir bu leis-san an sgìre seo dhen a' Ghàidhealtachd mus deach a thoirt bhuaithe ri linn tachartasan 1715. Rè ùine, ràinig Iain Chamshron Loch Iall agus feadhainn de Chlann Chamshron; thàinig cuideachd bràthair a b'òige Thulaich-Bhàrdain, am Morair Seòras Moireach, le fir Athaill. Thàinig, is Rob Ruadh MacGriogair is a dhaoine, agus Clann Fhionghuin an t-Sratha às an Eilean Sgitheanach.

Fhad 's a bha seo a' dol air adhart, ràinig trì luing-chogaidh de Chabhlach Rìoghail Bhreatainn Loch Aillse, agus air 11mh Cèitean thug iad ionnsaigh air a' chaisteal len gunnaichean mòra; an làirne-màireach chaidh an caisteal a ghlacadh le na saighdearan-mara. Dh'fhàgadh an caisteal na thobhta leotha, agus bha aig na Seumasaich ri triall fada doirbh a dhèanamh timcheall air ceann Loch Long (bhon a bha Loch Aillse fo ghrèim a' Chabhlaich Rìoghail) gus iad fhèin a stèidheachadh as ùr aig ceann Loch Duich.

An dèanamh-deas

[deasaich | deasaich an tùs]
Gleann Sheile: an gleann ìochdarach, a' coimhead an ear-dheas. Rinn Tulaich-Bhàrdain agus Uilleam Dubh Shìophort adbhanns suas an gleann a chur a' chatha

Nuair a fhuair na Seumasaich brath gun robh an Seanalair Wightman a' tighinn mun coinneamh às Inbhir Nis rathad Chille Chuimein is Ghleann Mhoireasdan, rinn Tulaich-Bhàrdain adbhanns suas Gleann Sheile (9mh Ògmhios), agus shuidhich e arm beag - mu 1,200 fear - far as cumhainge an gleann, fìor dheagh àite airson tilleadh a chur air arm Wightman. Dhaingnich na Seumasaich na loidhnichean aca le ballaichean beaga cloiche, a chithear fhathast. Shuidhich Tulaich-Bhàrdain a bhràthair am Morair Seòras air an sgiath cheart, deas air Abhainn Sheile. Bha na Spàinntich - mu 200 dhiubh - air "an Cnocan Spàinnteach" sa mheadhan, Clann Ghriogair agus Clann Fhionghuin na b'fhaide tuath, agus Uilleam Dubh Shìophort agus a dhaoine air an làimh cheàrr, gu h-àrd air bruthaichean Sgurr na Ciste Duibhe.

Air 10mh Ògmhios, dh'fhàg feachd Wightman ceann Loch Cluainidh, an ear air Gleann Seile, agus chaidh am feachd aige air thoiseach chun na h-àirde an iar, a' leantainn rathad na dròbhaidh sìos an gleann.

Thàinig an dà arm an caraibh a chèile mu 2f. Stad Wightman aig Lùb an Eòrna, mu astar mìle bhon defile far an robh na Seumasaich ga fheitheamh, agus chuir e fheachdan an òrdugh catha. Air an dà sgiath aige bha fir-chinnidh Catach - Clann MhicAoidh Srath Nabhair air a làimh cheart, agus Rothaich air a làimh chlì. Bha an dà sgiath gu h-àrd air na bruthaichean garbh, casa os cionn ùrlar a' ghlinn. Sa mheadhan bha ceithir reiseamaidean dhen arm cheangailte, agus trùp de mharcshluagh. Bha aige cuideachd reiseamaid de shaighdearan Duitseach. Na bu chudromaiche buileach, bha ceithir mortairean aige a loisgeadh sligean-boma. Bha mu 1,400 fear aig Wightman.

Thòisich an cath mu chòig uairean feasgair, nuair a rinneadh sgiath cheàrr arm Wightman agus na mortairean ionnsaigh air Moireach agus fir Athaill. Airson dà uair a thìde chaidh a h-uile ionnsaigh a thilleadh le na Seumasaich, gus mu dheireadh fhuair na Rothaich mu thimcheall orra le bhith a' dol gu h-àrd suas a' bheinn, agus bha aig Moireach ri dhol an comhair a chùl, ach ann an deagh òrdan, tuath air an abhainn.

An uair sin, thugadh ionnsaidh air feachd Uilleim Duibhe air sgiath cheàrr nan Seumasach le na mortairean is na saighdearan dearga, fhad 's a bha Clann MhicAoidh ag obrachadh timcheall gu h-àrd g' a chliathaich a thionndachadh. Sheas na fir-chinnidh Tàileach gu daingeann ris na h-ionnsaighean, ach chaidh Uilleam Dubh a leòn agus mu dheireadh bha acasan ri dhol air n-ais cuideachd, mus ruigeadh Rob Ruadh agus Clann Fhionghuin iad gus cobhair a thoirt.

A-nise chaill na fir-chinnidh de Chlann Dòmhnaill agus Clann Chamshroin ann am meadhan nan Seumasach misneach, agus theann iadsan air dhol air n-ais cuideachd. Dh'fhàgadh a-nis na saighdearan Spàinnteach nan aonar, air a' chnocan a bha iad air daingneachadh. Thàinig frasan de bhomaichean mortair sìos orrasan agus cha b'fhada gus an robh iad a' dèanamh ratreut suas bruthaichean Sgurr na Ciste Duibhe, far an do chuir iad an oidhche seachad ann an coire glè àrd ris an canar Coire nan Spàinnteach chun an latha an-diugh. An làirne-màireach, bha aca ri strìochdadh.

A bhuil ga mheas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Blàr Ghleann Seile a' seasamh leis fhèin am measg cogaidhean nan Seumasach. Seo an aon turas san deach cath a chur am measg beanntan àrda na fìor Ghàidhealtachd. Cuideachd, chaidh am blàr a chur ann an dòigh a bha às an àbhaist; tha e coltach nach do rinneadh lannaireachd idir, ach taobh seach taobh a' losgadh làmhach bho làmhach air a chèile; na Seumasaich a' sabaid cath-dìona, agus Arm Rìgh Deòrsa a' sìor-theannachadh nas dlùithe riutha. Ach 's iad na gunnaichean-mòra - na mortairean - aig an arm dearg a thug a' bhuaidh aig a' cheann thall. Ged a thug, cha deach mòran a mharbhadh; tha beul-aithris ag innse dhuinn nach deach ach aonan a mharbhadh air taobh nan Seumasach - fear Fionnlagh MacRath. Thathas a' meas gun deach mu fear ar fhichead a mharbhadh air taobh Rìgh Deòrsa.

Ainmean àite

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Bealach nan Spàinnteach agus Coirein nan Spàinnteach agus Sgurr nan Spàinnteach uile air an ainmeachadh as dèidh na ruaige a chaidh a chur air an arm Spàinnteach an dèidh aʼ bhlàir. Tha Bealach nan Spàinnteach os cionn Ghlinn Seile, eadar Sgurr na Ciste Duibhe agus Sgurr nan Spàinnteach, dìreach os cionn làrach a' bhlàir.

Tuilleadh Leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Faodar tadhal air làrach a' bhlàir, mu leitheach suas Gleann Seile air rathad mòr an A87, aig seòladh OS : NG992135. Tha mòran ri fhaicinn; cha deach mòran atharrachaidh air a' chumadh-tìre bhon uair sin. Tha bòrd-fiosrachaidh ann.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainmean-Àite na h-Alba (2015): “Historic Environment Scotland: Battle Grounds 2015”. Air a thogail 21mh dhen Lùnasdal 2017.