Blàr Chàirinis
B' e blàr cinnidh Albannach a bha ann am Blàr Chàirinis a chaidh a shabaid ann an Uibhist a Tuath ann an 1601. B' e pàirt de bhliadhna de chòmhstri eadar Clann MhicLeòid Dhùn Bheagain agus Clann Dòmhnaill Shlèite, a thàinig gu crìch le buaidh aig Dòmhnallach agus sìth air a chur an sàs.
"Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ’s a h-aon thàinig sgioba às na Hearadh agus ràinig iad air tìr ann an Sìdinis ann an Uibhist a Tuath. ’S e droch sheat a bh’ annta, agus an ceannard a bh’ aca Dòmhnall Glas, fear dha na Leòdaich a bha airson sgrios a dhèanamh air muinntir a’ chinn a Tuath. Choisich iad – tha mi smaoineachadh gu robh còrr air dà fhichead dhiubh anns a bhuidheann – choisich iad à Sìdinis gu ruige Càirinis. Agus nuair a ràinig iad Teampull na Trianaid theich a h-uile duine a bha mun cuairt. Na dìolacha-dèirce ann an Càirinis – bha iad air an stòras aca a chur dhan Teampull, a' saoillsinn gum biodh e sàbhailte ann an sin. Ach co-dhiù nuair a thàinig na Tearaich chuir iad ruaig oirre is dh’fhalbh na boireannaich a’ sgiamhail ’s a rànaich."[1]
Gailearaidh
[deasaich | deasaich an tùs]-
Càirinis leis a' bhlàr
-
Teampall na Trianaid
-
Cladh Teampall na Trianaid