Biodag-achlais
Coltas
Tha biodag-achlais 'na sheòrsa de bhiodag a ghlèidheadh san achlais agus a chleachdadh ann an còmhrag am bad a chèile. Bhiodh e 'na phàirt dhen aodach Ghàidhealach tradaiseanta.[1] Chaidh an t-ainm seo, slighe tionndadh dual-chainnteach an fhacail, miodag[2] a thogail leis a' Bheurla mar mattucashlass.
'S e sgian-achlais ainm eile air[3] agus chaidh am facal a thogail mar skene-ochil no skene-occles sa Bheurla Ghallda.[4]