Billiard


'S e geama agus spòrs a tha ann am billiard, ainm eile: spòrsachan-ciutha.
Cluichear e le maide fada ris an canar ciutha, agus bàlaichean air bòrd. Bidh dà chluicheadair ann co-dhiù.
Tha mòran seòrsaichean diofraichte de spòrsachan-ciutha ann. 'S iad billiard Frangach, Pool-Billiard agus snùcair na seòrsachan as cudromaiche.
Billiard Frangach[deasaich | deasaich an tùs]
Cluichear billiard Frangach (Beurla: Carom billiards) le trì bàlaichean (dà gheal agus aon dearg) air bòrd-billiard gun phòcaidean.
Pool-Billiard agus Snùcair[deasaich | deasaich an tùs]
Cluichear Pool-Billiard agus snùcair air bòrd le sia pòcaidean. Feumaidh na bàlaichean dol anns na pòcaidean a-rèir nan riaghailtean diofraichte.