Biadh na h-Alba

O Uicipeid

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Àiteachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Cha ghabhadh ach mu cheathramh cuid den talamh ann an Alba o shean àiteachadh. Ann am mòran cheàrnan, bhiodh am foghar gu tric mì-chinnteach, am bàrr fadalach agus duilich a chaoineachadh le fliuchad na h-aimsir. A dh’aindeoin sin, fhuaras toradh math o mhuir is tìr. Bhiodh roghainn èisg ri lorg san doimhne agus pailteas maoraich sna linntean, bàghan is geodhachan. Cuideachd, bha e comasach le saothair is mathachadh, talamh àitich a dhèanamh dhe thalamh criadhach, clachach os cionn nan seann chreagan agus de thalamh mòintich nach robh ro dhomhain, nam biodh talamh criadhach fon mhòine. A chòrr air sin, gheibhear ceàrnan dhen rìoghachd leithid Lodainn, Dàil Chluaidh, Machair Aonghais, Mhoireabh agus Carsa Ghobhraidh a tha cho torrach ri àite sam bith am Breatainn agus ann an ceàrnan fasgach de Mhoireabh, Ros agus na h-eileanan, bhite ag àrach measan is flùraichean annasach o dhùthchannan cèine ann an liosan no gàrraidhean.[1]

Ron 11mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Sna linntean tràthail, bhathar a’ toirt meas don iasg mar chreutair bheannaichte na ban-dia pàganaich Bhèineas, agus mar sin, bha e air a thoirmeasg a bhith ga ithe. Bho chuir an eaglais Ròmanach an eaglais Cheilteach à àite ge-tà, thug a làithean fèille agus na làithean tràisg brosnachadh do leasachadh gnìomhachas na h-iasgaireachd.[2]

Às dèidh na 11mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Do bhrìgh sin, bhon 11mh linn thàinig iasg is maorach gu bhith nam pàirt chudromach de lòn na dùthcha, agus bhite a’ bruich no a’ ròstadh sitheann is èisg os cionn èibhleagan an teine mòine. Leis gun robh Alba na rìoghachd chaitligeach, bha e ceadaichte a bhith ag iasgach nan cladaichean, aibhnichean is lochan, àrainnean mòra san robh pailteas èisg is maoraich rin glacadh. Bho na h-aibhnichean, fhuaras am measg èisg eile, an carbhanach, an carrachan, am bradan ’s am breac. Bhon chuan, ’s e an sgadan, an rionnach, a’ chuiteag, an adag, an trosg, an lèabag bhrathainne, an sgadan geàrr agus an smalag a bu mhotha a bhite a’ glacadh.

Bhon 13mh linn[deasaich | deasaich an tùs]

Cho tràth ris an 13mh linn, bha am bradan cho pailt ’s cho lìonmhor gun robh e air a phicleadh ’s air a chur gu Lunnainn far an robhar ga mheas mar “bhiadh nam bochd”. Bhiodh Alba ri malairt mhòr le Flannrais, a’ Ghearmailt is na Tìrean Ìsle agus thug sin beartas nach beag dhi. Mun àm seo, dh’fhàs Obar Dheathain ainmeil airson an èisg a bh’ air a chaoineachadh agus air a ghrèidheadh taobh a-staigh nan crìochan aice.

Anns gach baile an cois na mara, chan e a-mhàin sna h-eileanan ach air tìr-mòr cuideachd, bhite ag ithe maorach is feamainn. Gheibhteadh maorach leithid fheusgan, strùban agus eisirean mòra. Bha uibhir de ghiomaich is chreachann a’ tighinn beò ann an Arcaibh gun robh iad air an cur a-null ’s air an reic anns a’ Ghearmailt. Ann an 1594, chaidh fleadh mòr rìoghail a chumail aig Sruighlea far an robh eisirean, partain, crùbagan is maorach eile nam pàirt chudromach dhen chlàr-bhìdh. Bha na h-eisirean cho pailt gun robh iad air an cleachdadh airson feabhas blas a chur ri biadh feòla. ’S e “Baile nan Eisirean” a theireadh iad ri Dùn Èideann air sgàth nan leapannan mòra eisirean ann an Linne Fhoirthe. Chaidh am milleadh san 19mh linn le tuilleadh ’s a chòir de dh’iasgach is truailleadh na h-àrainneachd timcheall orra.

Rè eachdraidh, bhiodh bailtean iasgaich an cois na mara a’ fàs no a’ crìonadh a-rèir cho pailt no cho gann ’s a bhiodh na stocannan èisg. Eadar an 15mh agus an 17mh linntean bhiodh na h-iasgairean Albannach far costa an ear na dùthcha a’ strì ri bàtaichean à Flannrais ’s na Tìrean Ìsle airson brod nan iasg anns a’ Chuan a Tuath fhaotainn dhaibh fhèin. Leis an fharpais eadar luingeis iasgaich nan Albannach ’s nan Duitseach, rinn Cromwell lagh ann an 1650 ag òrdachadh nach faodadh ach sgadain o shoithichean Breatannach bhith air an làimhseachadh ann am puirt-iasgaich Albannach.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. McNeill, F. Marian [1929] (1993): “The National Larder”, The Scots Kitchen. Dùn Èideann: Mercat Press, td. 13. ISBN 1873644 23 X. 
  2. Warren, Janet [1979] (1997): “Introduction”, A Feast of Scotland, 5mh deas., Lunnainn: Lomond Books, td. 14-15. ISBN 0-947782-95-8.