Beinn Nibheis
Beinn Nibheis | |
---|---|
Beinn Nibheis | |
Àirde (m) | 1,344 m |
Àirde (tr) | 4,409 tr |
Àirde rinneach (m) | 1,344 m (4,409 tr) |
air liosta | Beinn Rothaich, Marilyn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Loch Abar, a' Ghàidhealtachd Alba |
Sreath bheanntan | Monadh Dhruim Uachdair |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger 41, Explorer 392 |
Comharradh-clèithe | NN166712 |
Co-chomharran: 56°47′49″N 5°00′13″E / 56.79685°N --5.003508°E
Is i Beinn Nibheis a' bheinn as àirde ann an Alba, aig 1344m (4409tr), agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte ann am Monadh Dhruim Uachdair os cionn Glinn Nibheis, faisg air a' Ghearasdan ann an Loch Abar.
Chan eil ciall an ainm soilleir. Tha caochladh fhacal-fhreumhan air moladh, mar nèamh agus nimheil.
Tha a' bheinn ainmeil airson na sìde chunnartach chaochlaideach air a' mhullach aice. Air sgàth seo agus a liuthad streapadair gach bliadhna -- mòran dhiubh gun an eòlas riatanach air beanntan -- bithidh tubaistean mharbhtach a' tachairt gu tric.
Tha slighe don mhullach a' tòiseachadh aig Ionad Nibheis (an ionad-tadhail anns a' ghleann). Chaidh an slighe a thogail ann an 1883 air a' phrìs ₤800, gus pònaidhean a leigeil don reul-lann a bh' air a' mhullach aig an àm.
Tha lochan, Lochan an t-Suidhe, leth-shlighe shuas a' bheinn.
Rèis na Beinne
[deasaich | deasaich an tùs]Thatar am beachd gum b' e a' chiad duine a ruith suas a' bheinn gruagaire ionadail, William Swan, ann an 1895. Ruith e bhon t-seann oifis a' phuist anns a' Ghearasdan ann an 2u41m. Bha a' chiad rèis farpaiseach ann an 1899, le 10 co-fharpaisich a' gabhail pàirt. B' e am fear-buannachaidh, an geamair Ùisdean Ceanadach.