Barrathon

O Uicipeid

'S e rèis leth-mharathon (21km) a bhios a' tachairt ann am Barraigh a tha sa Bharrathon.

Tòisichidh na ruitheadairean ann am Bàgh a' Chaisteil agus thèid iad timcheall an eilein gu deiseil.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich e ann an 2000 agus thachair e gach samhradh on uair sin. Cuiridh muinntir Bharraigh air dòigh e gu saor-thoileach gus airgead a thogail do Macmillan Cancer Support agus buidhnean carthannais eile. Gu ruige seo, tha e air còrr is £70,000 a thogail thairis air na bliadhnaichean.[2]

'S e an t-àm as luaithe a rinneadh an rèis 1.13.13. Rinneadh siud ann an 2013 le Neil Renault a bhios a' ruith le Edinburgh Athletic Club.

Buannaiche a' Bharrathon 2013, Neil Renault.

Chan eil e furasta àite fhaighinn anns an rèis leis gu bheil e cho tarraingeach do dhaoine. Ann an 2013, reiceadh a h-uile àite ann an 6 mionaidean. [3]

Tha liosta slàn de buannaichean ri fhaighinn air an làrach-lìn oifigeil.

Tha dùil ann gun stad am Barrathon an dèidh dha h-uile ball an comataidh fhàgail ann an 2022.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.barrathon.org.uk/index.php/faqs/23-route
  2. 'Edinburgh runner sets new course record during 14th "Barrathon"', West Highland Free Press (Friday 5 July 2013, p.30) "Since it started, it has directly raised over £70,000 for Macmillan Cancer support and local charities..."
  3. 'Edinburgh runner sets new course record during 14th "Barrathon"', West Highland Free Press (Friday 5 July 2013, p.30) "When registration opened online back in January, it only took six minutes for all places to be snapped up for the 14th event on Barra."
  4. Barrathon a' dol à bith”. 2na dhen Ghearran 2022. Air a thogail 18mh dhen Ghearran 2022. 

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Làrach-lìn oifigeil 'Barrathon'