Jump to content

Baile a' Chaolais

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Ballachulish)
Baile a' Chaolais

Map
Baile a' Chaolais is located in Alba
Baile a' Chaolais
Baile a' Chaolais (Alba)
56°40′32″N 5°8′2″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NN081582
Dùthaich Alba
Comhairle A' Ghàidhealtachd
Siorrachd Earra-Ghàidheal
Ainm
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 640
Còd-puist PH40

Co-chomharran: 56°40′32″N 5°08′02″W / 56.675512°N 5.133898°W / 56.675512; -5.133898

'S e baile ann an sgìre na h-Apainn air a’ Ghàidhealtachd a tha ann am Baile a' Chaolais (Beurla: Ballachulish). Tha am baile suidhichte air ceann Loch Lìobhainn faisg air a' mhòr-rathaid A82. Tha e faisg air caolas ris an canar Caolas MhicPhàdraig.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 620 duine a' fuireach an seo agus aig àm cunntas na h-Alba ann an 2022 bha 685 ann.[1]

Bho thùs bha trì bailtean ann: Baile a’ Chaolais fhèin, Baile a’ Chaolais a Tuath a tha suidhichte air ceann tuath Loch Lìobhainn agus Baile a’ Chaolais a Deas a tha mu 3 mìltean air àird an iar Baile a’ Chaolais. Tha Gleann a' Chaolais, clachan beag, faisg air Baile a' Chaolais.

Cha robh sràid ann gu ceann Loch Lìobhainn gus an deach rathad a thogail ann an 1927. Roimhe sin bha aiseag ann a bha gu math cudromach airson dòigh-bheatha. Thòisich an aiseag a' ruith ann an 1733 agus stad i ann an 1975 nuair a bha Drochaid Bhaile a' Chaolais deiseil.

Tha an drochaid suidhichte eadar Baile a' Chaolais fhèin agus Baile a' Chaolais a Deas aig Caolas MhicPhàdraig. Tha e a' leantainn gu Baile a' Chaolais a Tuath air an taobh eile Loch Lìobhainn.

Bha Baile a' Chaolais ainmeil airson nan creagan-sglèata ann. Bha iad a' rèic na sglèatan air feadh na dùthcha agus ann an Èirinn cuideachd. [2] An-diugh 's e turasachd an gnìomhachas as cudromaiche anns a' bhaile.

Tha clach-chuimhneachan Seumas a' Ghlinne (James Stewart) ann faisg air Drochaid Bhaile a' Chaolais. Chaidh Seumas a chrochadh an seo anns an 8 an t-Sultain 1752, ged a thuirt e nach do rinn e am muirt. Gus na làithean an-diugh chan eilear cinnteach cò rinn Murt na h-Apann. Chleachd Robert Louis Stevenson an tachartas ud anns an nobhail ainmeil Kidnapped aige.

Tha sgioba iomain aige, faic: Baile a' Chaolais (Iomain).

Chaidh drochaid rathaid a thogail ann an 1975 thar a' chaolais.[3][4]

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Mac an t-Saoir, D. (1994) 'Latha Eile am Baile Chaolais' ann an Gairm Àir. 166 Earrach 1994, dd.107-109.
- mu obair sglèata agus a' Ghàidhlig anns na 1930an

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ballachulish (Highland, Scotland, United Kingdom) - Population Statistics, Charts, Map, Location, Weather and Web Information”. citypopulation.de. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2025.
  2. Mac an t-Saoir, D. (1994) 'Latha Eile am Baile Chaolais' ann an Gairm Àir. 166 Earrach 1994, dd.107-109.
  3. MacCoinnich, Seonaidh, NicLeòid, Eilidh: Drochaid Bhaile a' Chaolais 50 bliadhna de dh'aois”, Naidheachdan a' BhBC. 3s dhen Dùbhlachd 2025. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2025. 
  4. 50 bliadhna de Dhrochaid Bhaile a' Chaolais”, Naidheachdan a' BhBC. 4mh dhen Dùbhlachd 2025. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2025.  (aithris bhideo: 05:17)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]