Baile nan Gàidheal (taigh-tasgaidh)
Coltas
Baile nan Gàidheal
Dùthaich | Canada |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Alba Nuadh |
Domhan-leud is -fhad | 45°56′53″N 60°49′8″W |
Làrach-lìn | https://highlandvillage.novascotia.ca/ |
Tha Baile nan Gàidheal (Beurla: Highland Village Museum; seann ainm: An Clachan Gàidhealach) ’na taigh-tasgaidh “beò” air a’ bhlàr a-muigh ann an Sanndraigh, Ceap Breatainn, Canada. Tha e suidhichte ann an 17ha de dh’fhearann air bhruaich Loch Bras d’Or ann an teas-mheadhan Cheap Bhreatainn.
Tha Baile nan Gàidheal a’ mìneachadh sgeul agus beatha nan Gàidheal an Albainn Nuaidh. Tha e ’na mheur de Thaigh-tasgaidh na h-Albann Nuaidhe, air a riaghladh gu h-ionadail le Comunn Baile nan Gàidheal an Albainn Nuaidh.