Bad Homburg vor der Höhe

O Uicipeid
Bad Homburg vor der Höhe
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Hochtaunuskreis
Sgìre Hessen
Co-chomharran 50° 13 45' Tuath
08° 36 38' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 51.17 km²
Àireamh-shluaigh 54,092 (2020)
Dlùths 1,057.1/km²
Àireamh fòn +49 06172
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile faisg air Darmstadt, ann an cridhe na Gearmailt a th' ann am Bad Homburg vor der Höhe (IPA: ˈbaːt ˈhɔmbʊʁk). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Eschbach, aig 194m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Hochtaunuskreis, san stàit (Gearmailtis: Land) Hessen. Tha 54,092 duine a' fuireach ann.[1] 'S e fear dhe na bailtean as beairtiche na na Gearmailt 's a th' ann.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 782 mar Villa Tidenheim ach cha do nochd an t-ainm Homburg ach ann an 1180, leis gur e fear air an robh Ortwin von Hohenberch a thog caisteal san àite. Tha badeigin ann am meadhan a' bhaile air a bheil Dietigheim an-diugh.[2] Bha clò-bhualadair Eabhra ann an Homburg, fo stiùir Seligmann ben Hirz, eadar 1710 agus 1713. B' e prìomh-bhaile Hessen-Homburg bho 1622 gu ruige 1866 a bh' ann am Bad Homburg vor der Höhe, nuair a bha e air aonachadh leis A' Phruis. Thog Ceusair Uilleam II lùchairt samhraidh an seo ann an 1888 agus chuireadh Bad ris an ainm ann an 1912. Chaochail an ceimigear Paul Ehrlich an seo ann an 1915. Ghabh saighdearan nan Stàitean Aonaichte os làimh am baile air 30 am Màrt 1945.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Statistisches Bundesamt
  2. Binding, Günther, Beobachtungen und Grabungen im Schloß Bad Homburg v. d. Höhe im Jahre 1962, in: Mitteilungen des Vereins für Geschichte und Landeskunde zu Bad Homburg v.d. Höhe, XXXII. Heft 1974 (Bad Homburg 1974), 5–19
  3. Reinhard Genzel - Facts”. Nobel Outreach AB. Air a thogail 4mh dhen Lùnasdal 2021.